29/08/2006

Gàidhlig Na Lasair



Seo agad e Roddy Atom! Sanas beag airson an CD agad. Feumar aideachadh gu bheil e math dhà rìribh, nas fheàrr na’n clàr ‘Gàidhlig mar Sgian’. Tha Mill a h-Uile Rud air ghleus an-seo – ‘Crath do Thòn’, abair classic! Atomgevitter... cho mental ri anything, seinn mar mac-dìolainn Kylie Minogue agus yon guy bho System of a Down. Sgoinneil. Agus a chuid as fheàrr bho Oi Polloi a thaobh an cuid òrain Ghàidhlig. Cuiridh ‘Saorsa do Vananu’ do chasan air dòigh is do cheann ri crathadh. Ach, mura h-eil taobh agad ri punc, feuch Nad Aislingean. Gu h-àraid ‘Pòg A-Rithist Mi’ – fonn anabarrach math is guth dha rèir.

Feuch na h-òrain aig a’ cheangail seo:
Meanbh-chlàr Gàidhlig Na Lasair (Problem? Records)


San eadraigin, seo agad Roddy Atomgevitter an cois neach-camara à Taiwan.

28/08/2006

Cramond: Eilean nam Punc


Thàinig mi beò as deidh na bha siud de cheòl is onghail agus gun cheann goirt is aithreachas. Thàinig na puncaich – mu 300 dhiubh -agus beagan Ghaidheal nam measg dhan eilean seo a shuidheas sa Linne Duibh faisg air Dùn Eideann. Faodar coiseachd a-null dhan eilean air cabhsair nuair a tha an tràigh ann, ach as deidh siud, chan eil air ach feitheamh fad uairean a thìde.

Cò chluich a-rèist? Chan ìongnadh gun robh Oi Polloi an-sàs ann agus nam bheachd b’e iad a b’fheàrr. Grunnan math òrain Ghàidhlig aca a-nis agus tha e coltach gu bheil fèill mhòr air an òran ùr aca ‘Ramalair Ruisgte’. Bha a’ chiad chomhlan Budd Hoskins math fhèin ciudeachd – fonnmhor agus beothail. Bha In Decades Decline cho puingal is comasach sa bha iad a-riamh ged a tha an cuid meatailt ùr caran trom dha mo chluasan mhaoth bhog! S iongatach 's gu bheil Murray à Aberfeldy a' cluich annta is Aberfeldy cho sèimh sàmhach.


Se bha buileach math ‘s gun robh grunnan math dhaoine a’ cabadaich sa Ghàidhlig. Daoine òg a thog a’ Ghàidhlig sa tha deònach a bruidhinn.

Meas mhòr dha Roddy à Atomgevitter. Bha esan a’ sgaoileadh a’ mheanbh-chlàr ùr aig Problem? Records. Siud ‘Gàidhlig Na Lasair’ agus tha 5 chomhlain, nach eil idir tràidiseanta (taing dhan donas), a’ seinn sa Ghàidhlig. S math is fhiach e èisteachd. Theirig an-seo airson fios agus blasad den cheòl:
http://www.myspace.com/problemrecordsuk

A bharrachd air na puncaich, bha sgioba teilidh à Taiwan an-siud cuideachd. Agus dha na Spàinntich a bha an-lathair, que dia en la isla de punk y muchos gracias por la Laphroaig!

26/08/2006

Mallachd ar comainn... Dr. Laura choir....


Gu sealladh an donais orm! Chaidh aithris fad is farsaing an-diugh 's gun deach Artur Boruc, cùl-raonaidh Celtic Ghlaschu, a rabhadh mu chuid ghniomhan aig geama an aghaidh nan Hun san t-seasain a dh'fhalbh. Sann a rinn e samhla na croise air beulaibh caogad mile dolas bigot aig eaglais mhòr Phàirce Ibrocs. Chan e Crìostaidh a th’annam a-muigh no a-mach agus ged a tha e car eibhinn dhomh a bhith a’ faicinn nan diadhaidh an àmhaich a-chèile, is beag orm gràin nan aineolach. Nach fadalach is sgìtheil na cogaidhean bith-bhuan eadar na Pròsdanaich agus na Caitligich. Chan eil fiosam dè as mo a chuireas car nam mhionach – an Luchd Buidhe (Iain Paisley agus a chuid leth-chiallach) no diadhachd is gràin ghlan na h-eaglaise Phàpaich.


Mar sin dheth, ged nach eil càil agam dha’n Luchd Buidhe agus na white trash a ghabhas ri na sràidean fom bratach, tha na Pàpaich a’ cur thairis len gràin aca fhìn. Gu h-àraid an-aghaidh bhoireannaich is fearas-feise.

Tha e ceart is iomchaidh a-rèiste, libhrigeadh, uair eile, dhan t-saoghal mhòr, an litir ionmholta a chuir cuideigin don Dotor Laura Schlessinger ga ceasnachadh gu geur mu cuid bheachdan àicheil chlaoin an-aghaidh fearas-feise. Tha e soilleir ge-tà gun èirich iomadach cèist eile bhon litir mun Bhìobaill air an fharsaingeachd. Se seo aoir às am biodh Iain Lom moiteil. Do Laura agus a samhail, rach air muin.

"I know that I am allowed no contact with a woman while she is in her period of menstrual uncleanliness (Lev. 15:19-24). The problem is, how do I tell? I have tried asking, but most women take offense."

http://www.positiveatheism.org/writ/drlaura.htm

21/08/2006

Chemical Alaidh: “Cha d’rinn e càil idir”



Chaidh leigeil fhaicinn an-diugh fhèin gun nochd an neach-polataigs ‘Chemical’ Alasdair Moireasdan ann an cuirt uaireigin an ath bhliadhna. Thathar a’ saoilsinn gun nochd e ann an ‘cuirt nan daoine’ ann an Cèitean 2007 san aon là a thèid an dùthaich dha na bothanan bhotaidh ann an Taghadh Nàiseanta Pàrlamaid na h-Alba.

“Cho olc ri clachan an t-sagairt”

Thèid a chur as leth Alaidh ‘s gun do thug e ionnsaigh air muinntir nan Eilean Siar le gas – aithnichte aig an U.N. mar ‘Suainmhòr’ – le bhith a’ siubhal mun cuairt is fosgladh a bheòil. Thuirt aon neach-fianias à Baile nan Cailleach, “Bha e dìreach sgriosail, aon mhionaid siud sinn a-muigh sa chroit a’ buain an fheòir agus an ath mhionaid sann a thòisich mo chuideachd a’ tuiteam air feadh an àite” Lean i oirre, “An uairsin chunnaic mi an trusdar bu choireach, thàinig luaran orm is dhiobhair mi air. Chunnaic mi na shùilean marbh gur e duine gun trocair a bh’ann, mar a chanas sin an-seo, ‘Cho olc ri clachan an t-sagairt”.

“A’ tuiteam mar chuileagan”


Thachair an dearbh rud air feadh nan eilean le Moireasdan a’ teàrnadh air bailtean is le aon mhèaran de chraos a’ cur an cadal air a’ bhaile gu lèir. Thuirt aon bhodach às a’ Bhac, “tha an troc chreutair siud air a bhith an-seo fad bhliadhnaichean gun càil sam bith a dhèanamh ach spàrradh oirnn beachdan a’ phàrtaidh aige”.
Chan eil fhios cinnteach cò an ceannard aige. Tha Moireasdan fhèin a’ cumail a-mach gur ann à ‘Mac a’ Bhlàir’ ann an Lunnainn a gheibh e a chuid òrdaighean ach canaidh daoine eile gur e ‘Am Preasach’ a chumas rian air Alaidh. A-rèir mòran, se ‘Am Preasach’ leth-chiallach à Tecsas a dh’fhàs air leth beàrtach air prothaidean bhon iomairt an ola agus malairt armachd san Ear-Mheadhanach. Chan eil ceann-là cinnteach againn fhathast airson a’ chuirt ach thuirt Colonial Governor MacChonail gur dòcha gur ann sa Cheitean sa bhios e.

20/08/2006

Fàg aige na choisinn e.


Cuir clach air a chàrn.

Se tha gam fhàgail car diumbach ach an upraid a tha air èirigh, gu h-àraid sa Ghearmailt, mu’n sgrìobhadair Gunter Grass. Aideachaidh mi an-dràst nach mòr gu bheil air cluinntinn mu dheidhinn agus nach do leugh mi a-riamh càil dhen obair aige. A-rèir a h-uile coltas ge-tà, se obair ionmholta domhainn a th’ann. Ach se na tha e air dhèanamh airson gnothaichean an taoibh chlì agus airson sìth san t-saoghail sa tha toirt air cuid a dhaoine èigheachd mu’n duais Nobel a fhuair e leigeil às.

A dh’aindeoin mo chuid aineolais aig an duine, cha thuig mi carson a bu choir dha a bhith air cheannsachadh air sgàth rudeigin gòrach a rinn e na òige. Cia mheud againn nach d’rinn mearachd air choireigin is sinn nar deugairean? Agus ma thogar mur a dh’aidich e càil gu ruige seo! S iomadh òganach a ghabh ri donadas air choireigin ach a rèitich cuisean as a dhèidh. B’fheàirrde na daoine dubhach gearaineach Gearmailteach eile a chur fon phrosbaig – cò eile ach am Panzer Pope. Se an fhìrinn ‘s gun robh esan òg agus bog na bheachdan cuideachd ach se na beachdan mi-reusanta puinnseanta a th’aige san là an-diugh a dh’fhàgas mise ruideigin an-fhoiseil. Agus ged a dh’iarr e mathanas air na h-Iubhaich as leth na h-eaglaise aige tha e fhathast na cheannard aig buidheann a bheannaich na Nasaich. Se am Pàp Pius XII a tha aithnichte a-nis mar ‘Hitler’s Pope’ agus tha air dhealbhachadh air comhdaich LP aig Killing Joke.


Co-dhiù, fàg aig Grass (Mac ‘ill’an Fheòir?!) an duais aige agus na th’aige fhathast den chliu aige.

19/08/2006

Seoc an Aonaidh


Seo agad toileachas dhan t-sùil. Gill' an uilc bhon chomhlan phunc Oi Polloi ri spòrs le lasaran. Mar a thuirt cuideign à Leòdhas, Union Jack - Thall is cac.
Feuch seo airson an tuilleadh fiosrachaidh:
www.myspace.com/oipolloialba

Cac Sabbath...

A good name for a band, no? Gus an teachdaireachd a thoirt dha na dolas diadhaidh air feadh na h-Alba, is nas fhaide fhathast.