04/02/2008

Seachd searbh sgìth den SAA!

I’m so bored of the USA”, be siud faclan na Clash ach sa Ghàidhlig là no dhà air ais. Sann aig Na Gathan a bha iad. Cha b’ann dhaibh faclan bhàrd mharbh bho chionn caogad bliadhna no còrr ach briathran Joe Strummer.

Chluich Na Gathan mar phàirt de Turas Roc nan Cànan Ceilteach no Celtic Punk Connections. Tha iad air leth math cuideachd. Spòrsail, ceòlmhor is beòthail.

Bha Oi Polloi mar bu dual, a’ dol eadar ceòl trom luath agus rudeigin na bu dannsmhòire is binn.

Cha mhòr nach robh as seat’ aca gu lèir sa Ghàidhlig le òrain ùra Gàidhlig mar ‘Òigridh air na Sràidean’ is ‘Tha Sinn Air Ais’. Thug iad seachad leasan no dhà cuideachd mar ‘Gòrdon Brown – Pòg Mo Thon’. Olc a’ bhalaich, fèir olc.

Mu dheireadh, bha sàr chomhlan Breatannach, Les Ramoneurs de Menhirs. Dìreach air leth. Faic iad air You Tube. Sa bhad! Ceòl ruitheamach fonnmhor punc air a mheasgachadh le fuinn is òrain tràidiseanta à Breizh sa chànan aca fhèin an cois fuaim nam pìob Breatannach. Air leth dannsmhor is bha an èisteachd aig Henry’s Cellar Bar air an casan mar an ceudna.

Tha fadachd orm na trì comhlanan seo fhaicinn aig a’ Hebrides Celtic Festival. Chuireadh iad ceòl ùr air feadh na fidhle.