03/12/2006

El Labarinto del Fauno – Ioma-shlighe den Ainmhidh


Dealbh cho ùidheil, grinn, ealanta is puingeil sa chaidh a dèanamh fad greis mhòr. Tha e a-nis mu sgaoil aan ìre mhath air feadh na h-Alba. S math fhiach e fhaicinn ach dha na maoth-chridheach is iadsan aig nach eil càil dha seallaidhean cruaidh is mi-thlachdmhor, fuirich ris an DBhD.

Sa chiad dol a-mach, sann mu dheidhinn gabhail ris sa tha seo. Eil e ceart gabhail ri ùghdarras is cumhachd air a sgàth fhèin? Nas miosa, eil e ceart fùil nan neo-chiontach a leigeil air a sgàth? An gabh sinn ris gun cheasnachadh? Tà, tha iomadh cuspair is taobh eile fuighte ris an sgeul seo. Stèidhichte san Spàinn grunnan bhliadhnaichean as dèidh dhan Fhaiseastach Franco smachd fhaighinn chì sinn gu soilleir a’ bhuirbeachd a bha aig crìdhe an duine oillteil ud. Chì sinn a’ bhuaidh a th’aig seo air clann. Chì sinn gaisgeachd nan daoine chumanta a chum orra cur an-aghaidh riaghaltas Franco bliadhnaichean as dèidh dha na Poballaich an cogadh a chall. Mar shlighe airson seo uile, tha sgeulachdan arsaidh mu dhiathan nàdair is na daoine-sìth.

Sann a chleachd Guillermo del Toro uirsgeul, fìrinn, eachdraidh, macmeanma is uabhas mar stuthan sa bhrochan ealanta seo.

Buidheachas is urram dha.

25/11/2006

Dòrainn san Òbain ach Lèintean Matha san Amharc


Sann a chaidh aig na Laboraich aon 500 anam truagh a tharraing dhan Òbain an-de gus Balonaidh Blair a chluinntinn. A-reir aithrisean, bha faisg air 90% den oraid aige a’ cur an-aghaidh an SNP. Fianais, tha e coltach, gu bheil luchd an aonaidh fo iomagain mu taghadh na h-Alba a ghabhas aite sna mìosan a tha romhainn.

Thachair seo san aon seachdainn a b’fheudar dha Al ‘Qaeda’ Moireasdan, BPA lèisg airson nan Eilean Siar, mathanas iarraidh as dèidh dha ràdh gur e ‘faiseisteach’ a bh’ann am ball-pàrlamaid eile. Thathar a’ smaointinn gur ann air Rob Gibson a bha e a-mach. Se Rob ball Nàiseantach a th’air obair ionmholta a dheanamh air foghlam mu na Fuadaichean is gnothaichean Gaidhealach eile. An taca ri seo, se Alasdair mac a’ mhannsa a chuir a thaic ri riaghaltas Bhreatainn a’ ceannsachadh dùthchannan “3mh saoghal” mar Afganastan agus Iorag. Cogaidhean a tha air na ceud mìltean fhàgail marbh eadar muinntir nan dùthchannan siud agus fireannaich is mnathan òga a shabaid annta.


Mar sin dheth, nach mi bha cho sona ri sàgairt ann an taigh siùrsach nuair a chaidh m'aire a tharraing dha na lèintean-T aig a’ bhuidhean nàiseantach ‘Saor Alba’. Mar bu dual, chan urrainn dha na nàiseantaich seo tòrr Gàidhlig a bruidhinn ach... ar leam gu bheil an cuid lèintean rudeigin snasail. An e seo an lèine Gàidhlig as snasaile a chaidh dèanamh a-riamh? Chunnaic mi cuid eile a bha air leth math ri an reic air blog eile an aiteigin cuideachd. Agus tha fios agam gun robh a' bhuidhean 'FAS' a' reic cuid o chionn bliadhna no dhà. Freagairtean gu h-ìosal mas e ur toil e! Cuir aon an liosta airson Donas na Nollaig is cosg e le moit!

'SAOR ALBA' leintean-t ri an ceannachd an-seo.

12/11/2006

Là gun cheannachd – 25mh Samhain 2006

Nach math an smaoin seo. Le fèisean a’ Gheamhraidh a’ teannadh dlùth agus dha rèir, barrachd impidh ga chur oirnn ar n-airgead a chur bhuainn, bhiodh là far nach eil an cudrom sin ann na fhaochadh dhuinn uile. A thuilleadh air siud, tha e na dheagh chothrom air beagan fois inntinn a ghabhail. Chìthear sna bùthan aig an àm seo den bhliadhna gach uireasbhaidh daonna a’ tighinn am bàrr. Sannt is strì is daoine air an slugadh le cumhachd an t-sanasachd.

Sann a thoisich seo leis a’ bhuidheann Adbusters agus chan ann dhan t-slàinte againn fhìn a-mhàin a tha seo ach airson cor ar planaid. A bharrachd air siud, carson a dh'fheumas cuid mhòr den t-saoghail aig nach eil suim sam bith dhan taobh seo den chultar againne obair am bùthan fallais dhuinne?

Chanainn gur e sàr chothrom a tha seo airson onghail is amaideas nam bùthan is a’ bhaile mhòr a chur air ar culaibh is togail oirnn dhan dùthaich.

Tuilleadh eòlais an-seo:
http://www.adbusters.org/home/
http://www.buynothingday.co.uk/
http://en.wikipedia.org/wiki/Buy_Nothing_Day

28/10/2006

Cumhachd gun chiall ach chan ann gun chunnart


Thàinig cuis cumhachd niuclach gu bàrr air an t-seachdainn-sa nuair a bhruidhinn Seac ‘an Sgiort’ MacChonnaill mu dè thachradh dha sgudal niuclach ann an Alba shaor. Nam bitheamaid neo-eisimeil, a-rèir an Sgiort, cha b’urrainn dhuinn ar cuid treallaich a chur shìos gu na Sasannaich.

Cha b’ìongnadh ‘s gun do fhreagair na Nàiseantaich nach bu mhath dha na Laboraich cur sìos air na Sasannaich bhochda san dòigh seo. Am biodh an Sgiort cho deònach Poballachd na h-Eireann a chomhlaireachadh mu’n cuid sgudal niuclach?


Ach, fuirich tiotan. Chan eil a leithid de sgudal aig na h-Eirinnich. Mar an ceudna, tha gach dùil is dòchas agam nach biodh ann an Alba mas mo. Mar a chì is thuigeas mise a’ chuis, chan eil muinntir na h-Alba air a shon, a-muigh no a-mach. Mar sin dheth a Sheac, ma tha an rud seo cho sàbhailte, thoir do chasan leat a Shasann leis an sgudal agad agus na stèiseanan agad is cuir iad air dòigh an àrainn Westminster.

Tha ur cuid sguadal gun iarraidh.

08/10/2006

C'est bon, c'est tres bon... ALBA 1 - AN FHRAING 0



Dè cho math sa bha seo? Cha b'urrain dhan sgioba as fheàrr air an t-saoghail a' chuis a dhèanamh oirrn an-de aig Pàirc Hampden a bha loma-làn airson an tachartais eachdraidheil seo. Tha sinn fhathat beò an dòchas, beò nar bruadaran, ‘s mathaid. Ach nach math sin? Gura fada beò am bruadar seo! Fada seachad air Oidhche Chiadain san Ugrain co-dhiù!

An Ostair/An Eilbhis 2008.... tha sinn air ar slighe.