28/10/2006

Cumhachd gun chiall ach chan ann gun chunnart


Thàinig cuis cumhachd niuclach gu bàrr air an t-seachdainn-sa nuair a bhruidhinn Seac ‘an Sgiort’ MacChonnaill mu dè thachradh dha sgudal niuclach ann an Alba shaor. Nam bitheamaid neo-eisimeil, a-rèir an Sgiort, cha b’urrainn dhuinn ar cuid treallaich a chur shìos gu na Sasannaich.

Cha b’ìongnadh ‘s gun do fhreagair na Nàiseantaich nach bu mhath dha na Laboraich cur sìos air na Sasannaich bhochda san dòigh seo. Am biodh an Sgiort cho deònach Poballachd na h-Eireann a chomhlaireachadh mu’n cuid sgudal niuclach?


Ach, fuirich tiotan. Chan eil a leithid de sgudal aig na h-Eirinnich. Mar an ceudna, tha gach dùil is dòchas agam nach biodh ann an Alba mas mo. Mar a chì is thuigeas mise a’ chuis, chan eil muinntir na h-Alba air a shon, a-muigh no a-mach. Mar sin dheth a Sheac, ma tha an rud seo cho sàbhailte, thoir do chasan leat a Shasann leis an sgudal agad agus na stèiseanan agad is cuir iad air dòigh an àrainn Westminster.

Tha ur cuid sguadal gun iarraidh.

08/10/2006

C'est bon, c'est tres bon... ALBA 1 - AN FHRAING 0



Dè cho math sa bha seo? Cha b'urrain dhan sgioba as fheàrr air an t-saoghail a' chuis a dhèanamh oirrn an-de aig Pàirc Hampden a bha loma-làn airson an tachartais eachdraidheil seo. Tha sinn fhathat beò an dòchas, beò nar bruadaran, ‘s mathaid. Ach nach math sin? Gura fada beò am bruadar seo! Fada seachad air Oidhche Chiadain san Ugrain co-dhiù!

An Ostair/An Eilbhis 2008.... tha sinn air ar slighe.

30/09/2006

Caismeachd gun chànan

 An-diugh, thug na ceudan de nàiseantaich dha sràidean Dhùn Eideann gus iarrtas a dhèanamh airson cunntas-bheachd air cuspair neo-eisimileachd. Ach, an robh Gàidhlig ri faicinn air na sanasan, brataichean is bileagan? Aye right. Uill, bha Gàidhlig na h-Eirinn ann air bratach ‘Cairde na h-Eirinn’ ach tha e coltach nach urrainn dha na nàiseantaich againne cànan ar dùthcha-sa a chur an gnìomh.

Mar sin dheth, mur is urrainn dha na Gàidheil a tha an-sàs ann am buidhnean mar ‘Independence 1st’ – agus tha iad ann – cuin tha iad gu bhith ga cleachdadh? Nach biodh cleachdadh na Gàidhlig a’ cur ri ionnannachd na h-Alba agus sin, mar an ceudna a’ cur ris an t-sealladh de dh’Alba mar dùthaich air leth, le cultar is cànan air leth?


Ach a-reir nam balbh-Cheilteach a bhruidhneas as leth ‘Indy 1st’, chan eil cuisean mar chànan cudromach aig an ìre seo. Feumaidh sinn feitheamh gus an là a gheibh sinn Alba shaor. Saoil a-reist, carson a tha nàiseantaich Eireannaich, Basgaich agus Cuimrich cho deidheil air cleachdach nan cànan acasan? Tha mi gu tùr airson Alba shaor ach a bheil math dhuinn ar cànan a treigsinn san eadraiginn? Indpendence 1st and Gaelic sometime later, but the butcher's tongue in the meantime... seo agaibh dealbh de chaismeachd eile bho chionn linn crochadh nan croitear...

11/09/2006

An cogadh air ceannairceas is dè dìreach a thachair...

Press for Truth...

Air an là seo, tha na meadhanan làn den sgrios a thachair sna Stàitean Aonaichte. Ge bu chianail e gu dearbh, thachair an dearbh sgrios roimhe is tachraidh a-rithist e cho fad sa bhios ana-cheartas is di-chuimh' a' riaghladh ann an Lunnainn is Washington. Agus nach e tha a’ tachairt an-dràsta fhèin.

S duilich call bheatha sam bith ach tha làn thìde againn coimhead air dè as coireach agus dè is urrainn dhuinn dèanamh gus a leithid de rud a sheachdnadh san àm ri teachd.

Eadar Nicaragua is Vietnam, libhrig polasaidh cèin nan S.A. am bàs dha na ceudan de mhìltean, gun iochd, gun mhathanas. Agus an-dràsta, tha an ‘cogadh air ceannairceas’ ag adhbhrachadh barrachd cheannairceis air feadh na cruinne. A bheil sinn dhà-rìribh nas sàbhailte an-diugh sna bha sinn o chionn 5 bhlidhna?

Tha am fiolm 'Press for Truth' a-nis mu sgaoil. Tha e a’ sgrùdadh na thachair ann an New York agus an iomairt a tha iadsan a chaill buill-theaghlaich a’ dèanamh gus an fhirinn a thoirt gu fianais. Gheibhear an dà chuid air Bhideo Ghoogle, ro-shealladh aig 2 mhionaid agus am fiolm slàn fhèin. Clach air an càrn.

9/11Press for Truth: bhideo aig Google

An tuilleadh fiosrachaidh an-seo:
9/11 Press for Truth.


08/09/2006

Athair nam mìle marbh


Còrr is fichead sa còig bliadhn’ air ais, sann a rinn an comhlan punc cliùteach Crass iomradh air Thatcher agus a cuid obrach oillteil sna Malvinas. Chaidh ‘Sheep Farming in the Falklands’ a cheannach na dheich mhìltean is dh’fhuirich e sna Indie Charts fad greis mhath. Chaidh a dheasbad cuideachd le buill-phàrlamaid Toraidh is iadsan a’ cur às an corp mu’n droch bheul a thig gu bàrr gu math tric sa chlàr. Missing the point gu tùr likes, ach fhuair Crass am miann agus an leòr den oxygen of publicity. Co-dhiù, am measg glaodhrach fhùilteach nam meadhanan, chualas guth an-aghaidh an caitheamh bheatha a bha seo. S iomadh doimhneachd dhan deach na meadhanan againn agus mar shamhla air seo se an Sun a sgreuch ‘Gotcha’ as deidh dhan Chabhlach Rìoghail bàta Argentine a chur fodha is e ann an uisgeachan eadar-nàiseanta is pìos mhath bho na h-Eileanan Falkland. Se eucoir cogaidh a bha seo ma bha a leithid riamh ann. A-rèir Chrass, ‘How does it feel to be the mother of a thousand dead?’. Cha d’fhuair sinn freagairt.

An-diugh sna naidheachdan, tha Broon is Blair fhathast an àmhaich a chèile. Dà mhanachan den aon tòin mar a thuirt Seòras ‘Maiseach’ Gallowa. Cuideachd, tha an Senate ann an Stàitean Mallaicte Aimearaga air codhunadh nach robh ceangail eadar Saddam agus Al ‘Moireasdan’ Qaeda. Cha mhotha gun robh Feòileadair Bhagdad a’ sireadh armachd niuclasach. Cia mheud turas a dh’fheumas sinn giulan nam breug seo? Cia mheud balach òg a gheibhear bàs an raointean Afganistan agus Irac air sgàth a leithid de Bhlair, Bush is Rumsfeld? Cia mheud duine às na dùthchannan siud a thèid bho thìr nam beò gu tìr nan àireamhan air na naidheachdan? “23 eile air marbhadh an-diugh taobh a-muigh Mosc ann am Bagdad....”. Nach ionnsaich sinn a-chaoidh???

Your country needs you.

Fiosrachadh air Crass. bho Wikipedia

http://www.johnpilger.com/ - an làrach aig ITV

Agus mu dheireadh, beagan bheul-aithris bho Chrass, gu dearbh mholadh Iain Lom e!
Fuck off to the Falklands for your sea-faring fun
Big man's jerk off dreamland, looking down the barrel of a gun
Friggin' in the riggin' another imperialist farce
Another page of British history to wipe the national arse
The royals donated Prince Andrew as a show of their support
Was it just luck the only ship that wasn't struck was the one on which he fought?
Three cheers for good old Andy, let's take a pic for his mum
And stick it up the royal, stick it up the royal, stick it up the royal album