28/06/2015

Là Samhraidh ann an Glaschu




Agus mar bu dual is mar bu nòs bha an t-uisge ann ged a dh’fhalbh e rè ùine. Cuideachd bha rathaidean a’ bhaile cho toinnte – eadhon ann am Pàrtaig – ‘s gun robh e doirbh do cheann-uidhe a lorg ann an dòigh ciallach. Ach rinn sinn a’ chuis. 

Agus dìreach nuair a tha thu air rathad dìreach sìmplidh a lorg, cò tha ann air thoiseach ort, is iad a’ caismeachd, ach an Luchd Buidhe (Orange Order ann an Anglo-Sasannais). An ann an-aghaidh Cailtigich a tha iad no dìreach luchd-cleachdaidh nan rathaidean? Agus, cò tha cur bacadh orra a dhol dhan eaglais? Co-dhiu, sgap iadsan a-steach dhan choille-choncrait as deidh greis.


Chan eil dia sam bith agam ach tha an saorsa aca dol a dh’adhradh dia no ban-dia sam bith ann an eaglais sam bith. Saoilidh mi gu bheil ‘clàr-gnothaich’ no agenda rudeigin mi-chàilear aca.


Searach a th’annam gu cul agus chan eil fios’am fhathast, as-dèidh mòran bhliadhnaichean, dè nì mi de Ghlaschu. Tha an corra thuras ann fìor mhath ach tha cuideachd rudeigin dubhach is tiamhaidh mu dheidhinn. Ged a bha cafaidhean Ceann an Iar lòma-làn hiopstairean – is tha iomadh sàr chafaidh ri lorg – tha bochdainn an àite fhathast am follais faisg ort. Uaireannan, tha blas iargalta no gràineil na chois – mar a chunnaic sinn leis an Luchd-Bhuidhe.




Co-dhiù, tha tòrr ann a tha taitneach dhan t-sùil agus brosnachail dhan inntinn. Taigh-tasgaidh Khelvingrove mar toiseach-toiseachaidh. S math is fhiach e sròn a chur a-steach ann, gu h-àraid ma tha clann nad chois. Aon ghearain, ge-tà, se ‘s nach eil Gàidhlig ri faicinn sna taisbeanaidhean aca. Shaoileam gum biodh. Tha Comhairle Ghlaschu gu math adhartach a thaobh na Gàidhlig ann an roinntean eile agus le iomadh taigh-seinnse Gaidhealach san nabaidheachd is Cnag shuas an rathad beagan tha e na ìongnadh nach robh facal dhith ri fhaicinn.  Bha facal no trì a dhith orm is mi a’ feuchinn ri taisbeanadh nam beathaichean a mhineachadh dhan bhalach...  ‘se pike a tha seo a lorg cuideigin an Loch Laomainn...’


Glaschu. Lorg mi facal dha – dubh-cheist. Tillidh mi a dh’aithghearr ge-tà.

1 comment:

Anonymous said...

Suas le 'Taigh na Croiche', agus suas le Gàidhlig air teilebhisean, leithid BBC ALBA. Tha Gàidhlig doirbh a lorg air ALBA. Feumaidh sinn atharrachadh!

BBC ALBA - bu choir gum bi Gaidhlig a' toirt fairis, agus ann! Carson nach eil? Ken MacQuarrie? BBC Scotland Head? Where is Ken MacQuarrie?

Chan eil MG ALBA neo BBC Scotland a' deanamh gu leor airson luchd-leanntainn craicte mar a tha sinne a chumail air ar doigh. Tha an teicneolas ann a-nis, airson fo-thiotalan Beurla a chur dheth. Carson nach eil BBC Scotland - neo MG ALBA - a' gabhail ris a' Ghaidhlig?

Ken MacQuarrie - please explain. In 2015, you should be explaining.

Does Ken MacQuarrie BBC Scotland refuse to speak?