Showing posts with label BBC Alba. Show all posts
Showing posts with label BBC Alba. Show all posts

29/04/2015

Torcuil: beul gun taobh?




Bho chionn fhad' an t-saoghail... bho chionn linn crochadh nan con... bha sgrìobhadair, neach-naidheachd fiù à Leòdhas a bha aithnichte airson nam facal a chuir e an clò airson an Herald, an Sunday Herald agus am BBC. Bhruidhinn a ghuth le tomhas math de dh’ughdarras anns a’ Ghàidhlig agus ann am Beurla na Banrìghinn.

An uairsin, ghabh e ri duilleagan an Daily Record. Tha an DR gu mòr air taobh nan Laborach agus gun nàire sam bith na chois. Tha an DR air taobh nan Laborach as bith modh no poileasaidhean a’ phàrtaidh. PFI airson ar ospadalan? Bàs is lèir-sgrios ann an Irag? Rèic nam poileasaidhean aca do bhillionairean mar Bernie Ecclestone et al? Gearan mu dhaoine air sochairean-sòisealta – “something for nothing society?”....

Tha Torcuil a-nis a’ libhreagadh propaganda nan Laborach, gun nàir’ mar bu dual dhan bhoss aige. Tha cuid de na sgeulachdan amaideach. Glè amaideach. ‘Dh’ith Nicola Sturgeon an hamstair agam!”. Cha mhòr nach.

Seo ‘cuis an inneil-chofaidh’... Cha do sheas e fada ge-tà. Chaidh a thoirt sìos as dèidh beagan uairean. Fhuair Crichton e bhon a Daily Mail...

recordcoffee

Seo an argamaid mu cò nì an ath riaghaltas...


Agus a-rithist, gun nàire sam bith air rèidio na Beurla a’ cur an-aghaidh Iain Macwhirter...

Co-dhìu, sin e bho bhun gu bàrr. Se Laborach a th’ann an Torcuil. A thoil fhèin.

Dà phuing ge-tà..
  •   Chan e neach-naidheachd a th’ann tuilleadh. Se propagandist a th’ann. Cuiridh e cuid den t-seuntas aige fhèin air na press-releases (no sgeulachdan a' Daily Mail) a tha siud ach gu ìre-mhòir, tha a h-uile coltas ann gur e ‘copy n paster’ a th’ann an Torcuil.
  •  Mar sin dheth, carson a tha e na 'neach-naidheachd' air BBC Radio nan Gaidheal? Ma tha guth gu bhith againn aig a’ BhBC sa Ghàidhlig air cuisean poilitigeach, tha an dleastanas aige gun nochd iad gach taobh. Am faigh sinn sin bho Thorcuil, dhà-rìribh, beachd gun chlaonadh sam bith?

Saoilidh mi gum feum Radio nan Gaidheal neach-naidheachd ùr.



24/09/2014

Bannan no srannan?


Bha fadachd againn air. Mus do nochd e air ar sgàileanan, chaidh inns dhuinn gun robh e mar-tha air siubhail 'thall-thairis' is ùidh aig na Canadaich ann. Cuideachd, chaidh inns dhuinn gur ann mar The Killing a bhiodh e.

Obh.

Ma bha a' chiad phàirt san t-sreath mar shamhail air cuisean se na fo-thiotalan a aon choltas a th'aige ri The Killing. Nordic dubh? Chan eil na.

Leis an fhìrinn innse, chan eil - an ceartair co-dhiù - ann ach iarsmadh (seqeul) do Mhachair a dh'fhàg sinn 20 bliadhna air ais no rudeigin mar sin.

Tha e slaodach. Tha mi gabhail ris gu bheil e slaodach oir sin mar a tha beatha sna h-eileanan. A-rèir choltais. Chan eil mañana aca ann shuas an-siud. Chan eil ann ach daoine shocair a' gabhail tlachd san fhois aca. Chan eil mùrt no feis aca.

Fuck! The filth are oantae us. Hud oan hen!
Cha do thachair càil ach nàdar de char-chase far an do ruith càr poileas rionnag an t-sreath air quad-bike. Am bi tuilleadh ann? Corp ga lorg ri taobh locha? Càirdeas toirmisgte eadar dithis bho eaglaisean eadar-dhealaichte? S mathaid gun tig e ach chan eil fiosam am bi mise air beulaidh an sgàilein gus fhaicinn.

Tha Kathleen NicAonghais sgriosail. An deach inns dhi gur e Ran-Dan a bh'ann? No an robh a h-aire air a' chomadaidh anns a bheil i an-sàs, Gaol@Gael? Tha blas a' chrogain air cus den chleaschd - fiodh mar a chanar sa chànain eile. Tha an sgriopt rudeigin lapach cuideachd. Dè fon ghrèin a bha an seanmhair a' dèanamh? Chunnaic mi tachartasan fada na bu chreideasaiche ann an Grange Hill ri a linn.

Bu toil leam a' bhith ga mholadh. Bu toil leam drama dubh dorcha sa chànan againn. Bu chòir a bhith againn. 

Duilich ach tha Bannan lapach.


11/05/2009

Eaglaisean an uchd a’ bhàis ach fhathast buaireanta



-->
A dh’aindeoin ‘s gu bheil ar beathannan air an riaghladh le reusan is tonaisg, tha fhathast iadsan a chumas a-mach gu bheil iadsan sònraichte air sgàth ‘s gun do ghabh iad ri beachdan is smaointean nach gabh dearbhadh. Ged a tha eòlas no saidheans na phàirt riatanach de bheatha an là seo, tha luchd saobh-chràbhaidh anns an h-eaglaisean fhathast airson tilleadh dha na làithean nuair a bha cumhachd aca. Is nach iad na laithean a bha dorcha is mi-thaitneach.
San Eilean Sgiathanach, tha diofar treubhan bho na h-eaglaisean Clèireach an amhaich a-chèile airson greim a chumail air toglaichean a bha uair aig aon aca, mus do dhealaich iad. Tha Eaglais na h-Alba a’ cur impidh air BBC Alba barrachd prògraman creidseamhach a shealltainn. Agus seo, a dh’aindeoin’s nach eil ach 1 ann an gach 10 a’ frithealadh eaglais. Nach eil iad riaraichte leis a’ chac is gòraiche a thèid craoladh gach là fon tiotal ‘Smuain na Maidne’?
Chan e cinneadh a th’ann an creidseamh. Se beachdan aosta aig nach eil smior de dh’fhianais ris an do ghabh iad gu saor-thoileach. Lifestyle choices, mar a chanar sa chànan eile. Tha iad saor gus beachd sam bith a leantainn ach am bu choir dhan staid no luchd-pàighidh nan cìsean a sheasamh?
Cum creidseamh dha na taighean is eaglais aig na daoine a tha faoin gu leòr a leantainn. Cum creidseamh taobh a-muigh ar sgoiltean is meadhanan. Tha coir aig clann a’ bhith a’ ceasnachadh, deasbad is reusanachadh, chan e dìreach beachdan a shlùgadh.