09/10/2008

Punks agus Mods san Eaglais Bhreac


Fàire! Giog san amharc! Mu dheireadh thall ach tha ceòl math inntinneach gu bhith aig a’ Mhòd. Uill, air an iomall co-dhiù. Agus co na b’fheàrr airson a Mod Fringe a chrathadh ach Oi Polloi agus Na Gathan. Cùmhachd, fuinn, faclan mi-mhodhail agus daoine àraid.

Faic iad aig:
Behind the Wall, An Eaglais Bhreac, Diluain 13h Dàmhair. 7.30f agus saor san asgaidh.

29/07/2008

Eilean Chathair Amain - Eilean nam Punc


Uill, cha Hebridean Celtic Festival e ach bidh e tachairt ann an eilean co-dhiù. De th’ann ach ‘Eilean Phunc 2008’. Tha e gabhail àite a’ bhliadhna-sa air Eilean Chathair Amain, no Cramond Island sa chànan eile air Disathairne 16mh Lùnastal.

Gu h-ìongatach, bidh Niall Iain bho BBC Alba an-lathair gus rudeigin a dhèanamh airson a’ phrògram ciùil Rapal. Cia mheud punc no Gaidheal aig a bheil meas air tachartasan annasach a bhios ann? Se tìde a dh’innseas. Cò tha cluich? Uill gu ruige seo cha chreid mi nach bi ann ach Oi Polloi aig a bheil a’ Ghàidhlig. Ach, tha comhlan ‘meatailt’ air a bheil Ablach gu bhith ann cuideachd. Ainm math co-dhiù! Coltach nach bi Cliar ann ge-tà. Nach truagh sin.

Bu mhath leamsa Na Gathan fhaicinn. Mar sin dheth, dèan iarrtas air an son! Mura h-eil iad ro mhòr airson tachartan mar seo a-nis...

Làrach Eilean Phuinc


15/06/2008

Ùr Nòs, Ar Nòs


Air an t-seachdainn-sa, chìthear farpais ùr beòthail – tha sinn an dòchas! - aig Eden Court ann an Inbhir Nis. Se fath ‘Nòs Ùr’ òrain a chur air adhart dha farpais Eòrpach a tha na nàdar de Eurovision airson mion-chànain. Gheibhear farpaisich a’ seinn anns a’ Ghàidhlig, Cuimris agus.... a’ Bheurla-Ghallda! Ach, chan eil anns an òran ‘Scots’ – air a sheinn le Davy Tait -
ach Beurla àbhaisteach leis a’ chorra fhacal mar ‘wis’ agus ‘doon’. Mar na Broons ach as aonais a’ humour.
Gu ruige seo, tha m’airgead air Oi Polloi. Comhlan nach eil ‘ùr’ ach a chluicheas ceòl nach eil tràidiseanta no ‘Gaidhealach’. Tha cuideachd stuth inntinneach – reggae is indie – às a’ Chuimrigh. Cus ‘folk’ fhathast ann ge-tà. Mar sin dheth, tha mi’n dòchas nach dèan folk sam bith a’ chuis air!
Theirig ann, no theirig air loidhne is bhòt.

29/05/2008

Bhòt tràth, bhòt tric

Tha trustaran is amadain a’ chac à Gallaibh ri mi-rùn a-rithist. Tha am pàipear ionadal, an ‘John O’Groats Journal’ air poll a chur air chois feuch a bheil a’ mhòr shluagh airson no an-aghaidh sanasan dà-chànanach. Siuthad ann - gu 'The Big Vote' - is cleachd gach bhòt agaibh mar bu choir!

Taigh Iain Ghrot gu dearbh.

11/05/2008

Wendy...feuch e!


Obh, obh is obhan ìri… nach i ‘Wendy the Mooth’ a tha na staing. Nach ann aicese a-nis tha fhios air cumhachd Lunnainn is God MacilleDhuinn air a h-innse nach gabh esan a-muigh no a-mach ri cunntas-sloigh air neo-eisimileachd dha Alba. Tha God Donn (agus B.Liar roimhe), is a chuid 'Moral Compass' air an treubh aige a shlaodadh cho fada dhan taobh dheas ‘s gu bheil coltas car ‘dearg’ air eadhon Daibhidh ‘Eton’ Camshron. Agus, leis a’ Phàrtaidh truagh Laborach cho ìosal sa pholls, ‘s math dh’fhaodte gu bheil crìoch an UK san amharc. Mar a thuirt i... gabh dha!