Showing posts with label cultar. Show all posts
Showing posts with label cultar. Show all posts

31/03/2014

Salachar, feise is droch droch chainnt


Tha iomadach faclair ri fhaotainn a-nis - air-loidhne agus ann an clò. Agus ged a tha cànan 'salach' ri lorg ann an cuid aca, chan eil e fo fhollaiseach. Uaireannan, mar ann an Dwelly, tha na faclan air am mineachadh ann an Laidin. Gus nach bi cus nàir oirnn. Aig àmannan eile, tha clann no luchd-ionnsachaidh gan lorg le tuiteamas. Chuala mi aon sgeul mu thidsear a chaidh air an Fhaclair Bheag gus faclan no abairtean a lorg fainear 'eat'. Cha do dh'fhuirich i air an duilleag fada.

Co-dhiù, tha faclair sònraichte againn a-nis airson gach seòrsa droch chainnt a tha tòrr againn a' cleachdadh anns na cànanan eile againn - tha e coltach gu bheil a' Bheurla agus an Spàinnis gu h-àraid beàrtach a thaobh seo. Ma chunnaic thu riamh Pardon My German no Street Spanish, 's ìongatach mura robh fadachd ort air a leithid sa Ghàidhlig.
Se The Naughty Little Book of Gaelic: All the Scottish Gaelic You Need to Curse, Swear, Drink, Smoke and Fool Around an tiotal agus chaidh sgrìobhadh le Micheal Newton. Mar a tha e fhèin ag ràdh: This is a collection of Gaelic terms, idioms and creative expressions related to swearing, cursing, smoking, drinking and sex – all of the stuff you wanted to ask your Gaelic teacher, but didn’t. Dìreach mar Rupert an uilc shuas an-sin.

Ged a tha ìomhaigh 'ghlan' aig a' Ghàidhlig chan ann mar sin a bha cuisean gu tràidiseanta agus chan ann a tha sin far a bheilear a' Ghàidhlig fhathast ga bruidhinn gu làitheil le muinntir an àite. Thachair mi ri iasgair òg bliadhna no dhà air ais ann an Ile agus ruith an 'droch' chainnt bho bheul mar eas. Bho bhàird an t-sean aimsir gu Iain Lom, bha ar litreachas againn làn dheth. Bho chionn ghoirid tha ceòladairean mar Mhill a h-Uile Rud agus Oi Polloi air an 'nòs shalach' seo ath-thogail. Cha chuala mi guth guidheachain aig Capercaillie no Julie Fowlis fhathast ge-tà. An dòchas gun tèid an leabhar seo a chur thuca.

Gaelic Ribaldry

08/03/2014

Tha cuid dàna, cuid eile rìoghail


Chaidh iris air-loidhne ùr a chur air bhog an t-seachdainn-sa - Dàna. Cha do leugh mi tòrr dheth fhathast ach tha coltas glè mhath air. Gheibhear altan air naidheachdan, spòrs agus eadhon saidheans is teacneolas. Ghlac am pìos air 'ceallan-luirgeach' mo shùil agus feumar aideachadh gun robh mi taingeil gun do mhinich an t-ùghdar gur e seo a th'againn air 'stem cells'.

Coltach gu bheil connspaid ann cuideachd, no co-dhiù deasbad air 'in-imrich'. Nach math gu bheil rudeigin Gaidhealach againn a chuireas dragh air leughadairean an Daily Mail?

Fhad's a tha cuid againn dàna, tha cuid eile fhathast tràilleil. Tha e rudeigin iongatach san là an-diugh gum bu mhiann le cuideigin am facal 'rìoghail' san ainm aige. Ach, bha e na bheachd aig cuideigin sa Cholaiste Gàidhlig ann an Ceap Breatainn gum bu choir a' cholaiste a bhith 'rìoghail'. Gu h-inntinneach, bha nàdar de dh'ar-a-mach an-aghaidh an amaideis seo. Rudeigin a b'urrainn dhan Chomann Gaidhealach ionnsachadh. Nam biodh ACG air a bhith na bu dealasaiche a thaobh brosnachadh na Gàidhlig sna coimhearsnachdan seach cuireadh a thoirt do Phrionnsa Teàrlach a thighinn dhan Mhòd, 's dòcha gum biodh a' Ghàidhlig fhathast ri cluinntinn ann an iomadh àite far nach eil facal dhi san là an-diugh.

http://danamag.org/

09/01/2014

Tha sinn air ais


2014 - abair bliadhna a bhios againn. Ged a tha gràin-cinnidh fhathast a' nochdadh mu'r coinneamh is sgeulachdan eagalach feagalach air an sparradh oirnn le Bitter Together, tha fùil ùr nar cuislean is ar sùilean air saoghal nas fheàrr. Tha an cothrom againn dorus ùr fhosgladh dhan dùthaich is cànan againn is tha mi cinnteach gun gabh sinn e.

Mar sin dheth, fàilt' air 2014. Tog do ghuth, seas do choraichean is tagh 'bu chòir'. Bi ann no bi fann.

Nach toiseachamaid le bhideo...


31/10/2013

Telebhisean 'son Oidhche Shamhna


Chan eil càil na b'fheàrr mar ullachadh airson Oidhche Shamhna. Deich mionaidean air beulaibh aon de na dealbhan-beò bho Bhocan TV agus tha an dà chuid inbhich is clann deiseil airson nan sràidean. Samhnagan air an lasadh, pocannan dòchasach is drama no dhà san t-searrag.

Cha b'urrainn dhomh 'embed' a lorg dhi, ach shaoileam gum b'fhiach e an sàr obair aig West Highland Animation no Bocan TV a thaisbeanadh an-seo. Tarraingeach do chloinn, is tòrr dheth dèanta le cloinn, tha e cuideachd air leth feumail do luchd-ionnsachaidh. Dòigh eile gus ar cànan àbhaisteachadh.

Suidh air ais is coimhead... Samhain shona dhuibh.

Each Uisge Loch Nis



23/09/2013

Gàidhlig am follais air na sràidean


Chan e rocket science a th'ann ach mar as motha a tha ar cànan am follais sann as motha a thèid a cleachdadh. Agus, ma tha Gàidhlig agad agus tha thu a' dol gu caismeachd no eile, carson nach cleachdadh tu i?


Tha cuideigin bho YesAlba air sanasan 'Bu Chòir' a dhèanamh - gleansach is tarraingeach agus... sìmplidh. Bha làn thìde ac' air. Ach, bha an co-ionnanachd siud a dhith air YesScotland airson greis mhath.


A-nis, tha craiteachan de chothromachd againn. Suas ma-tha agus air adhart.


Bha brataichean eile ann cuideachd ann an seann chainnt ar dùthcha - cuid air an cruthachadh le pàipear is peann.


Mar iomairt na h-Alba fhèin, se ar dleastanas a bhith bragail is breabach, dana is dìcheallach.


Ruigidh each mall...

(Na dealbhan an-seo bho thùsan eadar-dhealaichte)




24/02/2013

Oraidean Shoillse air ais.


Chì mi gu bheil sreath de dh'òraidean a' toiseachadh as ùr aig Oilthigh Dhùn Eideann an t-seachdainn-sa leis an t-seann sheinneadair bho Mhill a h-Uile Rud agus Na Gathan - Tim Armstrong - a' tighinn a bhruidhinn air 'Ionnsachadh Cànain mar Ghnìomh Sòisealta: Luchd-ionnsachaidh Inbheach agus Ath-bheothachadh na Gàidhlig'.

As dèidh bhliadhnaichean a' cluich ann an comhlan-ciùil beòthail a thug ceòl ùr sa Ghàidhlig do dh'oigridh air feadh na h-Eòrpa, tha mi làn chinnteach nach bi e a' moladh na leanas:
  • tuilleadh òrain shean-fhàsanta ghruamach air am sparradh air ar cloinne leis a' Chomann Ghaidhealaich
  • 'Taghadh bho na Trads' air BBC Alba o mhoch gu dubh
  • cur às buileach do na cùrsaichean Ulpan is coisearan Gàidhlig a steidheachadh nan àite
  • òrain spioradail bho Mhary Ann Kennedy gach madainn an àite Prògran Choinnich
  • eadar-theangachadh bhon a' Chomann Ghaidhealaich air gach ainm-àite Gàidhlig a th'air na mapaichean Ordnance Survey air eagal's gun cuir iad dragh air luchd na Beurla
Fealla-dhà dhan darna taobh airson diog ge-tà, nach mòr am beud nach eil tuilleadh againn mar Na Gathan is fèis Roc na Gàidhlig?

Sìos le cultar sgìtheil! Rocamaid gu cruaidh!

Tuilleadh fios an-seo.
Ceòl an-seo.

13/04/2011

Blas na Gàidhlig air ar n-uisge beatha


Air mo shlighe tro phort adhar Dhùn Eidinn, b'e mo chiad cheann-uidhe bùth an uisge bheatha. Mar bu dual is mar bu nòs. Se taisbeanadh de bhathar bho Glenmorangie a ghlac mo shùil is ainm Gàidhlig air cuid de na botalan aca.

Tha na freumhan aig ar deoch nàiseanta - mar iomadach samhla eile de chultar is nàiseantas na h-Alba – ri an lorg ann an cultar na Gàidhlig. Tha am facal fhèin ‘whisky’ ri lorg anns a h-uile cànan ach ‘s dòcha na cànanan às an tàinig e – Gàidhlig is Gaeilge.
 
Se na h-ainmean àite a’ chiad dubhlan do neach na Beurla agus mo thruaighe na chluinneas mi aig àmannan. Co-dhiù, tha a leithid againn de Ardbeg, Bruichladdich, Bunnahabhainn, Caol Ila, Bowmore is Lagavulin. Siud agad cuid de na h-Ìlich a-mhàin. Air a’ Ghalltachd gheibh sinn Glenkinchie an àrainn Dhùn Eidinn a bharrachd air Glen Goyne, Auchentoshan agus Bladnoch. Nas fhaide tuath, tha Glenturret, Dalwhinnie, Dalmore, Glen Ord, Allt a’ Bhainne, Aultmore, Ardmore, Dailuaine, Glendronach agus Mortlach. Cha bu choir dhuinn dearmad a dhèanamh air na gheibh sinn bhon chompanaidh aig Iain Noble ‘Pràban na Linne’. Se Poit Dhubh a chuireas iad air am botal fhèin de mhac na bracha a rinn taigh staile eile.
Bho Bhun na h-Aibhne

A-nis ge-tà, gheibhear iomadach tionndadh eadar-dhealaichte bho aon taigh staile. Bho Glenmorangie tha Quinta Ruban (se Quinta tionndadh den deoch port), Sonnalta, Lasanta agus Finealta. Tha Bunnahabhainn deidheil orra cuideachd is tha Darach Ùr, Cruach Mhona is Moine acasan. Tha Airigh nam Bèist, Blasta agus Uigedail aig Ardbeg. Chan eil aig Laphraoig ach Càirdeas. Ach deagh ainm agus abair thusa drama math. Aig Fettercairn tha Fior. Tha Bruichladdich is Port Charlotte cuideachd a' cur dreach Gàidhlig air iomadh botal aca. Nam measg tha Port Sgioba, Sin an Doigh Ileach agus San t-Seann Doigh.

Math fhèin. Ach cuin a bhios ar cànan ga cur am feum barrachd is barrachd air bileagan no sanasan mar chànan laitheil eile?

06/05/2010

Comann nan Dùthchannan Ceilteach?


No, mar a thuirt Alaig Salmond, “a Celtic Alliance”. S mathaid gun robh esan a-mach air co-obrachadh eadar a’ Chuimrigh agus Alba, mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte ach carson nach bu choir dhuinn an-dràsta barrachd a dhèanamh eadar Eirinn, a’ Bhreatann Bheag, Eilean Mhanainn agus a’ Chòrn?

An uairsin b’urrainn dhuinn gluasad dh’ionnsaigh neo-eisimileachd shlàn.

Tha an nàdar seo de cho-chaidreachas ag obair glè mhath dha na dùthchannan Lochlannach. Chan eil iad uile cho beàrtach ri Saudi Arabia ach tha an inbhe de bheatha anns gach aon de na dùthchannan siud co-dhiù co-ionnan no nas fheàrr na siud a th’againn an-seo. Nirribhidh gu h-àraid. Nuair a lorg Nirribhidh òla sna 70an, cha do chosg iad an cuid saoibhreis sa bhad ach chuir iad cnap mhòr dheth dhan dàrna taobh. A-nis, tha còrr is £269billean aca sa bhanca. Is siud gan cùmail dòigheal le deagh sgoiltean, sàr sheirbheas shlàinte agus còmhdhail air leth.

Siud an-dòigh air adhart. Nis, a-mach dhan stèisean bhòtadh gus Alba shaor a thaghadh.

15/06/2008

Ùr Nòs, Ar Nòs


Air an t-seachdainn-sa, chìthear farpais ùr beòthail – tha sinn an dòchas! - aig Eden Court ann an Inbhir Nis. Se fath ‘Nòs Ùr’ òrain a chur air adhart dha farpais Eòrpach a tha na nàdar de Eurovision airson mion-chànain. Gheibhear farpaisich a’ seinn anns a’ Ghàidhlig, Cuimris agus.... a’ Bheurla-Ghallda! Ach, chan eil anns an òran ‘Scots’ – air a sheinn le Davy Tait -
ach Beurla àbhaisteach leis a’ chorra fhacal mar ‘wis’ agus ‘doon’. Mar na Broons ach as aonais a’ humour.
Gu ruige seo, tha m’airgead air Oi Polloi. Comhlan nach eil ‘ùr’ ach a chluicheas ceòl nach eil tràidiseanta no ‘Gaidhealach’. Tha cuideachd stuth inntinneach – reggae is indie – às a’ Chuimrigh. Cus ‘folk’ fhathast ann ge-tà. Mar sin dheth, tha mi’n dòchas nach dèan folk sam bith a’ chuis air!
Theirig ann, no theirig air loidhne is bhòt.