Showing posts with label Independence. Show all posts
Showing posts with label Independence. Show all posts
17/09/2014
Bu Chòir
Smaoinich. Tha nabaidh coir agad. Tha sibh rèidh. Gu ire air choireigin co-dhiù. Ach, tha e fada nas motha na thu agus se an dleastanas agad an tuarastal gu lèir agad a thoirt dhasan. Gheibh thu beagan air ais.
Chan e siud a-mhàin ach nuair a dh'fhàsas e crosta, feumaidh tusa a dhol a shabaid co' ris. Cuideachd, chan fhaod thu a dhol thall thairis as aonais cead bhuaithe.
Sin mar a tha cuisean againne mar dùthaich.
Cràicte.
Siuthad.
Tagh BU CHOIR.
16/09/2013
Oigridh air na sràidean...
...is tòrr a bharrachd, eadar cnapach is cailleach. Se caismeachd na bliadhnasa airson neo-eisimealachd na h-Alba Disathairne sa tighinn. Bha còrr is 10000 ann an-uiridh - nach dèan sinn cinnteach gu bheil an tè seo nas motha?
Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh an-seo, ged sann sa chànain eile a tha e: http://independencerally.com/main/
Agus, fhad's a tha mi a-mach air cànan, tha mi air leth toilichte gu bheil cuid ann Yes Scotland air mothachadh mu dheireadh thall gu bheil seann chànan na h-Alba fhathast air bilean nam mìltean.
Gheibhear YesAlba an-seo. An dòchas gum faic sinn ar cànan am follais Disathairne. Bithibh ann.
16/07/2012
Iomairt na Saorsa - Cà bheil a' Ghàidhlig?
Mar a thuirt Dwelly, "se obair là toiseachadh...ach se obair bheatha crìochnachadh". Ann an saoghal pholataigs canar gur e ùine fhada a th'ann an seachdainn. Co-dhiù no co-dheth, tha mi a' saoilsinn gun robh ùine gu leòr aig an iomairt 'Yes' rudeigin a dhèanamh sa Ghàidhlig. Tha fhios gu bheil cuid a dhaoine air sgrìobhadh thuca faighneachd an dèan iad an dearbh rud sin.
Ach, freagairt... cha d'fhuaireadh. Cha chuala mise guth bhuapa co-dhiù.
Gu sìmplidh, se a' cheist a bhios fainear do shluagh na h-Alba:
A bheil thu ag aontachadh gu bu choir Alba a bhith neo-eisimeil?
![]() |
| Beachd eile aig Silicon Glen |
Chì sinn seo sa Chuimrigh - is ainm Cuimris air a' phrìomh phàrtaidh Chuimreach aca. Cuideachd ann an Eirinn far a bheil a' Ghàidlig acasan ga cur gu feum gu cunbhalach. Agus, tha e coltach gu bheil Basgais ann an Euskadi a' dol na cànan laitheil aig a' mhòr-chuid ann an ùine nach bi fada. Ciamar? Tro chleachdadh agus iomairt.
Mar sin, nach cuir sinn ar smaointean dhaibhsan a tha an sàs san Iomairt 'Tha'. Seo cuid dhiubh:
http://www.yesscotland.net/contact
info@yesscotland.net
Yes Scotland
1 St. Colme Street
Edinburgh
EH3 6AA
Cuideachd, tha...
Alasdair Allan BPA: scottish.ministers@scotland.gsi.gov.uk
agus
Pàdraig Harvie BPA: patrick.harvie.msp@scottish.parliament.uk
Cuir corrag ri meur-chlàr! Saor Alba.
Dealbh-tiotail bhon a' Bhuidheann Duibh.
06/05/2010
Comann nan Dùthchannan Ceilteach?

No, mar a thuirt Alaig Salmond, “a Celtic Alliance”. S mathaid gun robh esan a-mach air co-obrachadh eadar a’ Chuimrigh agus Alba, mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte ach carson nach bu choir dhuinn an-dràsta barrachd a dhèanamh eadar Eirinn, a’ Bhreatann Bheag, Eilean Mhanainn agus a’ Chòrn?
An uairsin b’urrainn dhuinn gluasad dh’ionnsaigh neo-eisimileachd shlàn.
Tha an nàdar seo de cho-chaidreachas ag obair glè mhath dha na dùthchannan Lochlannach. Chan eil iad uile cho beàrtach ri Saudi Arabia ach tha an inbhe de bheatha anns gach aon de na dùthchannan siud co-dhiù co-ionnan no nas fheàrr na siud a th’againn an-seo. Nirribhidh gu h-àraid. Nuair a lorg Nirribhidh òla sna 70an, cha do chosg iad an cuid saoibhreis sa bhad ach chuir iad cnap mhòr dheth dhan dàrna taobh. A-nis, tha còrr is £269billean aca sa bhanca. Is siud gan cùmail dòigheal le deagh sgoiltean, sàr sheirbheas shlàinte agus còmhdhail air leth.
Siud an-dòigh air adhart. Nis, a-mach dhan stèisean bhòtadh gus Alba shaor a thaghadh.
Subscribe to:
Posts (Atom)




