Showing posts with label Gàidhlig. Show all posts
Showing posts with label Gàidhlig. Show all posts

23/09/2013

Gàidhlig am follais air na sràidean


Chan e rocket science a th'ann ach mar as motha a tha ar cànan am follais sann as motha a thèid a cleachdadh. Agus, ma tha Gàidhlig agad agus tha thu a' dol gu caismeachd no eile, carson nach cleachdadh tu i?


Tha cuideigin bho YesAlba air sanasan 'Bu Chòir' a dhèanamh - gleansach is tarraingeach agus... sìmplidh. Bha làn thìde ac' air. Ach, bha an co-ionnanachd siud a dhith air YesScotland airson greis mhath.


A-nis, tha craiteachan de chothromachd againn. Suas ma-tha agus air adhart.


Bha brataichean eile ann cuideachd ann an seann chainnt ar dùthcha - cuid air an cruthachadh le pàipear is peann.


Mar iomairt na h-Alba fhèin, se ar dleastanas a bhith bragail is breabach, dana is dìcheallach.


Ruigidh each mall...

(Na dealbhan an-seo bho thùsan eadar-dhealaichte)




16/07/2012

Iomairt na Saorsa - Cà bheil a' Ghàidhlig?


Mar a thuirt Dwelly, "se obair là toiseachadh...ach se obair bheatha crìochnachadh". Ann an saoghal pholataigs canar gur e ùine fhada a th'ann an seachdainn. Co-dhiù no co-dheth, tha mi a' saoilsinn gun robh ùine gu leòr aig an iomairt 'Yes' rudeigin a dhèanamh sa Ghàidhlig. Tha fhios gu bheil cuid a dhaoine air sgrìobhadh thuca faighneachd an dèan iad an dearbh rud sin.

Ach, freagairt... cha d'fhuaireadh. Cha chuala mise guth bhuapa co-dhiù.

Gu sìmplidh, se a' cheist a bhios fainear do shluagh na h-Alba:

A bheil thu ag aontachadh gu bu choir Alba a bhith neo-eisimeil?

Beachd eile aig Silicon Glen
Ma tha, se am freagairt iomchaidh 'Tha'. Mar sin dheth, se am facal 'Tha' a bu choir a bhith air sanasachd an iomairt. Chan e iomairt as leth na Gàidhlig a tha seo. Se a th'ann ach iarrtas airson na Gàidhlig a bhith air a cur gu feum mar cànan sam bith eile.

Chì sinn seo sa Chuimrigh - is ainm Cuimris air a' phrìomh phàrtaidh Chuimreach aca. Cuideachd ann an Eirinn far a bheil a' Ghàidlig acasan ga cur gu feum gu cunbhalach. Agus, tha e coltach gu bheil Basgais ann an Euskadi a' dol na cànan laitheil aig a' mhòr-chuid ann an ùine nach bi fada. Ciamar? Tro chleachdadh agus iomairt.

Mar sin, nach cuir sinn ar smaointean dhaibhsan a tha an sàs san Iomairt 'Tha'. Seo cuid dhiubh:


http://www.yesscotland.net/contact


info@yesscotland.net

Yes Scotland
1 St. Colme Street
Edinburgh
EH3 6AA

Cuideachd, tha...

Alasdair Allan BPA:  scottish.ministers@scotland.gsi.gov.uk

agus

Pàdraig Harvie BPA: patrick.harvie.msp@scottish.parliament.uk

Cuir corrag ri meur-chlàr! Saor Alba.

Dealbh-tiotail bhon a' Bhuidheann Duibh.

20/03/2007

Roc na Gàidhlig - breabadh is beothail an Dùn Eideann


Thòisich Oi Polloi is Là Luain air turas ‘Roc na Gàidhlig’ air Didomhnaich ann an Seana Bhaile na Smuid, prìomh bhaile ar dùthcha. Ann an àite teann, ach iomchaidh, ris an canar Henry’s Cellar Bar, chuir Là Luain air dòigh caibideal ùr ann an ceòl ùr na Gàidhlig. Tha iadsan a’ cumail orra far na sgùir Mill a h-Uile Rud agus gu dearbh fhèin nach robh sinn eòlach air cuid de na h-òrain a chaidh cluich? Nach math siud ge-tà, bha iad beòthail is fonnmhor is Gaidhealach gu cul san nòs ùr.


Bha Oi Polloi air ghleus. Fìor dheagh mheasgachadh de òrain, tòrr anns a’ Bheurla bho na bliadhnaichean a chaidh seachad – an e siud 25 bliadhna a-nis? – ach an fheadhainn as ùire agus as ùidheile sa chànan againn fhìn. Mar bu dual is bu nòs, bha fèill mhòr air ‘Ramalair Ruisgte’ is mar shamhla air brìgh an òrain, chuir aon fhireanach dheth a chuid aodach. Plòigh gu leòr. Ach saoilidh mi gur e ‘Ar Cànan, Ar Ceòl’ fonn ùr aiseirigh na Gàidhlig – fonn cho math sa th’ann is faclan brosnachail, onaireach na chois. Is 'Union Jack - Thall is Cac' na shamhla air an Alba ùr tha gu bhith romhain as dèidh taghadh nàiseanta na Ceitein. Tha sinn beò an dòchas!




Gu mi-fhortanach, cha do chluich ‘Gra Granna’ an-seo ach ‘s ìonantach mur a nochdas iad a dh’aitgheàrr air a’ chuairt seo. Cuairt nam bàrd beò, siud a th’ann!