Showing posts with label Gaelic. Show all posts
Showing posts with label Gaelic. Show all posts
08/03/2014
Tha cuid dàna, cuid eile rìoghail
Chaidh iris air-loidhne ùr a chur air bhog an t-seachdainn-sa - Dàna. Cha do leugh mi tòrr dheth fhathast ach tha coltas glè mhath air. Gheibhear altan air naidheachdan, spòrs agus eadhon saidheans is teacneolas. Ghlac am pìos air 'ceallan-luirgeach' mo shùil agus feumar aideachadh gun robh mi taingeil gun do mhinich an t-ùghdar gur e seo a th'againn air 'stem cells'.
Coltach gu bheil connspaid ann cuideachd, no co-dhiù deasbad air 'in-imrich'. Nach math gu bheil rudeigin Gaidhealach againn a chuireas dragh air leughadairean an Daily Mail?
Fhad's a tha cuid againn dàna, tha cuid eile fhathast tràilleil. Tha e rudeigin iongatach san là an-diugh gum bu mhiann le cuideigin am facal 'rìoghail' san ainm aige. Ach, bha e na bheachd aig cuideigin sa Cholaiste Gàidhlig ann an Ceap Breatainn gum bu choir a' cholaiste a bhith 'rìoghail'. Gu h-inntinneach, bha nàdar de dh'ar-a-mach an-aghaidh an amaideis seo. Rudeigin a b'urrainn dhan Chomann Gaidhealach ionnsachadh. Nam biodh ACG air a bhith na bu dealasaiche a thaobh brosnachadh na Gàidhlig sna coimhearsnachdan seach cuireadh a thoirt do Phrionnsa Teàrlach a thighinn dhan Mhòd, 's dòcha gum biodh a' Ghàidhlig fhathast ri cluinntinn ann an iomadh àite far nach eil facal dhi san là an-diugh.
http://danamag.org/
09/01/2014
Tha sinn air ais
2014 - abair bliadhna a bhios againn. Ged a tha gràin-cinnidh fhathast a' nochdadh mu'r coinneamh is sgeulachdan eagalach feagalach air an sparradh oirnn le Bitter Together, tha fùil ùr nar cuislean is ar sùilean air saoghal nas fheàrr. Tha an cothrom againn dorus ùr fhosgladh dhan dùthaich is cànan againn is tha mi cinnteach gun gabh sinn e.
Mar sin dheth, fàilt' air 2014. Tog do ghuth, seas do choraichean is tagh 'bu chòir'. Bi ann no bi fann.
Nach toiseachamaid le bhideo...
23/09/2013
Gàidhlig am follais air na sràidean
Tha cuideigin bho YesAlba air sanasan 'Bu Chòir' a dhèanamh - gleansach is tarraingeach agus... sìmplidh. Bha làn thìde ac' air. Ach, bha an co-ionnanachd siud a dhith air YesScotland airson greis mhath.
A-nis, tha craiteachan de chothromachd againn. Suas ma-tha agus air adhart.
Bha brataichean eile ann cuideachd ann an seann chainnt ar dùthcha - cuid air an cruthachadh le pàipear is peann.
Mar iomairt na h-Alba fhèin, se ar dleastanas a bhith bragail is breabach, dana is dìcheallach.
Ruigidh each mall...
(Na dealbhan an-seo bho thùsan eadar-dhealaichte)
20/03/2007
Roc na Gàidhlig - breabadh is beothail an Dùn Eideann

Thòisich Oi Polloi is Là Luain air turas ‘Roc na Gàidhlig’ air Didomhnaich ann an Seana Bhaile na Smuid, prìomh bhaile ar dùthcha. Ann an àite teann, ach iomchaidh, ris an canar Henry’s Cellar Bar, chuir Là Luain air dòigh caibideal ùr ann an ceòl ùr na Gàidhlig. Tha iadsan a’ cumail orra far na sgùir Mill a h-Uile Rud agus gu dearbh fhèin nach robh sinn eòlach air cuid de na h-òrain a chaidh cluich? Nach math siud ge-tà, bha iad
beòthail is fonnmhor is Gaidhealach gu cul san nòs ùr.Bha Oi Polloi air ghleus. Fìor dheagh mheasgachadh de òrain, tòrr anns a’ Bheurla bho na bliadhnaichean a chaidh seachad – an e siud 25 bliadhna a-nis? – ach an fheadhainn as ùire agus as ùidheile sa chànan againn fhìn. Mar bu dual is bu nòs, bha fèill mhòr air ‘Ramalair Ruisgte’ is mar shamhla air brìgh an òrain, chuir aon fhireanach dheth a chuid aodach. Plòigh gu leòr. Ach saoilidh mi gur e ‘Ar Cànan, Ar Ceòl’ fonn ùr aiseirigh na Gàidhlig – fonn cho math sa th’ann is faclan brosnachail, onaireach na chois. Is 'Union Jack - Thall is Cac' na shamhla air an Alba ùr tha gu bhith romhain as dèidh taghadh nàiseanta na Ceitein. Tha sinn beò an dòchas!

Gu mi-fhortanach, cha do chluich ‘Gra Granna’ an-seo ach ‘s ìonantach mur a nochdas iad a dh’aitgheàrr air a’ chuairt seo. Cuairt nam bàrd beò, siud a th’ann!
Subscribe to:
Posts (Atom)








