08/03/2014

Tha cuid dàna, cuid eile rìoghail


Chaidh iris air-loidhne ùr a chur air bhog an t-seachdainn-sa - Dàna. Cha do leugh mi tòrr dheth fhathast ach tha coltas glè mhath air. Gheibhear altan air naidheachdan, spòrs agus eadhon saidheans is teacneolas. Ghlac am pìos air 'ceallan-luirgeach' mo shùil agus feumar aideachadh gun robh mi taingeil gun do mhinich an t-ùghdar gur e seo a th'againn air 'stem cells'.

Coltach gu bheil connspaid ann cuideachd, no co-dhiù deasbad air 'in-imrich'. Nach math gu bheil rudeigin Gaidhealach againn a chuireas dragh air leughadairean an Daily Mail?

Fhad's a tha cuid againn dàna, tha cuid eile fhathast tràilleil. Tha e rudeigin iongatach san là an-diugh gum bu mhiann le cuideigin am facal 'rìoghail' san ainm aige. Ach, bha e na bheachd aig cuideigin sa Cholaiste Gàidhlig ann an Ceap Breatainn gum bu choir a' cholaiste a bhith 'rìoghail'. Gu h-inntinneach, bha nàdar de dh'ar-a-mach an-aghaidh an amaideis seo. Rudeigin a b'urrainn dhan Chomann Gaidhealach ionnsachadh. Nam biodh ACG air a bhith na bu dealasaiche a thaobh brosnachadh na Gàidhlig sna coimhearsnachdan seach cuireadh a thoirt do Phrionnsa Teàrlach a thighinn dhan Mhòd, 's dòcha gum biodh a' Ghàidhlig fhathast ri cluinntinn ann an iomadh àite far nach eil facal dhi san là an-diugh.

http://danamag.org/

No comments: