Showing posts with label luchd an Aonaidh. Show all posts
Showing posts with label luchd an Aonaidh. Show all posts
05/08/2014
An Deasbad Mòr
Se a-nochd an oidhche. Thig e gu a h-aon is gu a dhà eadar an dà cheannard. Ach. chan iad na ceannardan. Chan eil Darling ach a' riochdachadh gràisg de BhritNats. Thathar a' meas ge-tà nach eil anns an Luchd-Buidhe (Orange Order), Ukip agus am BNP ach cuis-nàire ged a tha iad a' tarraing air an aon ràmh. Ràmh a tha briste.
S mòr am beud nach e an dà cheannard a dheidheadh an amhaich a-chèile - CamShròn an-aghaidh Salmond. Coltach gun do chac CamShròn a bhriogais. Mar sin dheth, chaidh ar fàgail leis an Fhear Liath, Alaidh Gràdh mas fhìor. S fhad' an t-saoghail bhon a bha Darling na phoblachdach agus na Mhaoist (!) a sparr an Troich Dubh air luchd-obrach stèisean Dhùn Eideann. Sgeul eil a tha sin ge-tà.
Co-dhiù, nam b'e bookie a bh'annam, bhiodh m'airgead mòr air Salmond a-nochd. Deagh amhairc dhut.
09/01/2014
Tha sinn air ais
2014 - abair bliadhna a bhios againn. Ged a tha gràin-cinnidh fhathast a' nochdadh mu'r coinneamh is sgeulachdan eagalach feagalach air an sparradh oirnn le Bitter Together, tha fùil ùr nar cuislean is ar sùilean air saoghal nas fheàrr. Tha an cothrom againn dorus ùr fhosgladh dhan dùthaich is cànan againn is tha mi cinnteach gun gabh sinn e.
Mar sin dheth, fàilt' air 2014. Tog do ghuth, seas do choraichean is tagh 'bu chòir'. Bi ann no bi fann.
Nach toiseachamaid le bhideo...
21/04/2007
Sùil air cuid air taobh an Aonaidh

Tha inneal nam breug aig Labor a’ cur thairis an ceartair is na Nàiseantaich fhathast air thoiseach air càch san iomairt airson Pàrlamaid na h-Alba. A bharrachd air Iorag, airgead airson urraman is cosgais de £20 billean no barrachd air urchairean Thrident, bhiodh e ceart is iomchaidh an-seo cumail nar cuimhne an làimhseachadh nàr de fhogarraich.
S iomadh sgeul a tha sinn air leughadh mu poileas a’ briseadh dorsan ann an ‘ruaigean a’ chamhanaich’ (no na h-infamous dawn raideachan mar chanadh Uibheastach an Glaschu!). Se toradh nan tachartasan tàmailteach a tha seo ach clann òga air an spìonadh às an leapanan is air an cur ann am prìosanan gus an tig an t-àm airson faighinn cuidhteas iad gu tùr.
Aig àmannan, se seo clann is deugairean a th’air a bhith an Alba fad bliadhnaichean aig nach eil ach mir eòlais air tìr am breith. Tha iad air toirt air bruid às na sgoiltean aca agus air an dealachadh bho charaidean.
A dh’aindeoin seo, thathar a’ cur às leth daoine – a’ gabhail a-steach an SNP, Na h-Uainich, SSP, Solidartiy agus daoine eile - a mhiannaicheas neo-eisimileachd dha Alba gur e ‘gràin’ fath an iomairt! Co-dhiù, nach beag an t-ìongnadh gum faic sinn ionnsaighean sgreataidh air coigrich ann an Alba le leth-chiallaich a tha air am brosnachadh le dol a-mach nan Laboraich, nan Toraidhean is nan caraidean sna meadhanan.
Thàinig an dealbh gu h-àrd à leabhar ùr - Anti Fascist - a th’air nochdadh a dh’innseas sgeul an t-sabaid an aghaidh luchd gràin-cinnidh sna 70an is 80an. Se daoine mar seo (abair master race!), am BNP a tha a-nisd a’ taladh bhotaichean bho Labor ann an cuid a sgiìrean ann an Sasann. Cò a dh'iarradh a bhith na phàirt den chomann seo? Airson fios air an leabhar, theirig gu....
http://www.myspace.com/martin_lux_antifascist
Subscribe to:
Posts (Atom)

