Showing posts with label SNP. Show all posts
Showing posts with label SNP. Show all posts
05/08/2014
An Deasbad Mòr
Se a-nochd an oidhche. Thig e gu a h-aon is gu a dhà eadar an dà cheannard. Ach. chan iad na ceannardan. Chan eil Darling ach a' riochdachadh gràisg de BhritNats. Thathar a' meas ge-tà nach eil anns an Luchd-Buidhe (Orange Order), Ukip agus am BNP ach cuis-nàire ged a tha iad a' tarraing air an aon ràmh. Ràmh a tha briste.
S mòr am beud nach e an dà cheannard a dheidheadh an amhaich a-chèile - CamShròn an-aghaidh Salmond. Coltach gun do chac CamShròn a bhriogais. Mar sin dheth, chaidh ar fàgail leis an Fhear Liath, Alaidh Gràdh mas fhìor. S fhad' an t-saoghail bhon a bha Darling na phoblachdach agus na Mhaoist (!) a sparr an Troich Dubh air luchd-obrach stèisean Dhùn Eideann. Sgeul eil a tha sin ge-tà.
Co-dhiù, nam b'e bookie a bh'annam, bhiodh m'airgead mòr air Salmond a-nochd. Deagh amhairc dhut.
08/03/2008
'S Trom Uallach an Aineolais

No, ma chanas tu an dòigh eile e.... 's trom an ceann a tha làn chac. Tha sinn gu math cleachdte ri beachdan claon nan aona-chànanach is iad gun sgot air sealladh eile den t-saoghail ach am fear cruaidh Sasannach. Ach, seo e a-nis bho bhall den Phàrtaidh Nàiseanta? Air a’ Ghaidhealtach fhèin! An dòchas gun toir an SNP breab cruaidh dhan bhalgan-chac a tha seo mus sgaoil e barrachd sgudal is amaideas air feadh meadhanan ar dùthcha. Daibhidh Bremner, thig a-nuas.
Tha an creutair seo ag ràdh nach eil coir aig a’ Ghàidhlig a bhith follaiseach ann an Gallaibh. Mar tha, tha e air a chas a chur sa chàc. Chum e a-mach nach robh Gàidhlig a-riamh ga bruidhinn ann! An uairsin... ‘uill, se ‘economic migrants’ a bh’annta sa thàining an-seo sa 19mh linn’!! Cuideachd, tha barrachd ùidh aig muinntir an àite anns na Cruithnich sa Lochlannaich.
Gu dearbh, thug na Cruithnich is na Lochlannaich buaidh mhòr air an àite. Mar sin dheth, dè tha esan a’ dèanamh gus seo a leasachadh? A thaobh nan Gaidheal, am bi e cuideachd a’ cur an-aghaidh an aonaid sgoile Gàidhlig a bhios ann a dh’aithghearr? Dè mu dheidhinn an sgoil àraich a tha air a bhith ann fad 18 bliadhna? Agus am Mòd a thig dhan àite?
Nach cuir sinn uile ar beachdan dhan duine seo. Gheibhear foirm airson beachdan a chur thuige air an duilleag seo:
Duilleag aig David Bremner, buamalair... 15/04/2007
MacConnail a’ sireadh taigh ùr?
Tha an iomairt aig Làbor air a bhith gu math truagh agus tha seo air cur ris an sgìos a th’againn mu chogadh Ioraig, làimheachas-làidir an-aghaidh fogarraich, ruith sìos an NHS, sgoiltean ar dùthcha fo bhuaidh calpachais phrìobhaideach agus m.s.a.a.
Gu mi-fhortanach, cha bhi ann an-seo ach a’ chiad cheum ann an dealachadh bho Shasann agus tha fhios gun sgaoil luchd an Aonaidh an tuilleadh eagail sna seachdainneann tha romhainn. As bith ur beachdan air na pàrtaidhean, se ar dleastanas SNP, Uaine, Solidarity no SSP a thaghadh.
Subscribe to:
Posts (Atom)
