Showing posts with label Na Gathan. Show all posts
Showing posts with label Na Gathan. Show all posts

11/12/2013

Cothrom air chall ach am faic sinn nòs ùr?


Tha an gainnead airgid a-nis a' toirt greim às a' Ghàidhlig. Cha iongnadh sin. Tha an tuarastal aig tòrr againn air a bhith reòite fad 2 no 3 bliadhnaichean a-nis agus mura h-eil thu nad bhancair, bhall-pàrlamaid no spuinnedair 'hedge fund', tha sin a' ciallachadh teachd-a-steach nas isle.

Carson Cothrom ma-tha? Tha sin a' cur iongnadh orm. Shaoileadh tu gum biodh co-dhiù aon iris no pàipear-naidheachd cunbhalach riatanach do chànan air iomadh adhbhar: Tha e a' toirt cosnadh do chuid tro mheadhan a' chànain; tha a' togail ìomhaigh a' chànain; tha e na eisimplear do chloinn is luchd-ionnsachaidh agus ma tha e deiligeadh ri iomadh cuspair laitheil, tha e ag àbhaisteachadh a' chànain.

Dh'fhaodadh Cothrom a bhith na b'fheàrr, gun teagamh. Tha sinn uile feumach air ùrachadh bho àm gu àm. Bha caraid dhomh, aig nach eil a' Ghàidhlig ach a bhruidheas cànan eile, den bheachd gun robh coltas beagan seann-fhasanta is stolda air. Ged a bha mi-fhìn an-sàs sa chuis, 's urrainn dhomh beachd mo charaid a thuigsinn. Ach, a bheil Cothrom na sgathan air coimhearsnachd luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig? Tha cuimhneam air clasaichean 20 bliadhna air ais far an robh fada cus falt liath an-làthair. Bha e follaiseach gun robh a' Ghàidhlig a' tarraing nam pensioners mar chur-seachad. Daoine nach ruigeadh fileatachd, mar bu nòs, agus nach toireadh facal dhith dhan ath ghinealach.

Saoilidh mi gu bheil cuisean beagan nas fheàrr san là an-diugh le barrachd phàrant a' togail a' chànain. Ach, a bheil an òigridh an-sàs ann?

Tha an iris Eireannach 'Nós' na shàr eisimplear. Tha e ri fhaotainn ann an clò agus air loidhne. Agus, tha e beòthail is tarraingeach. Bu choir rudeigin mar seo a bhith againn.

Co às a thig na geàrraidhean ma-tha? Chan eil fiosam. Ach, tha fiosam nach eil cuid a bhuidhnean Gàidhlig cho eifeachdach sa bu choir. Se Comhairle nan Leabhraichean aon eisimplear. Gach bliadhna, bidh mi a' cur òrdain a-steach airson tiodhlacan don teaghlaich is caraidean. Agus gach bliadhna, tha an òrdain a' dol air iomrall. Aig a' char as fheàrr, feumaidh mi feitheamh suas gu mìos airson mo chuid stuthan fhaighinn no iarrtas a dhèanamh airson m'airgead air ais. Mar Chothrom agus CLI, se goireas air leth cudromach a th'ann an CnL. Gu mi-fhòrtanach, tha obrachadh dheth rudeigin lapach.
Làrach-lìn Nós

Saoilidh mi cuideachd, a bheil Bòrd na Gàidhlig fhathast a' maoineachadh 'ceòl na Gàidhlig'? Se mo bheachd nach bu choir ceòladair no comhlan sgillin fhaighinn mura h-eil iad a' cleachdadh na Gàidhlig air na clàran aca agus nan cuid sanasachd. Tha saoghal na Gàidhlig air atharrachadh gu mòr agus ma bheir sinn airgead is inbhe do cheòl a tha 'Gaidhealach' dìreach air sgàth gu bheil ceòl na fidhle ann, tha cho math dhuinn a' laighe sìos an uchd a' bhàis sa bhad.

Seo?
Ma tha Cothrom dhà-rìribh air chall dhuinn, clach air a chàrn. Ach, seo cothrom rudeigin ùr agus nas fheàrr a chruthachadh - ceòl ùr, fiolmaichean, polataigs, siubhail - ann an clò agus air loidhne. Rudeigin bragail is breabail cuideachd.

Se na faclan againn brìgh ar cànain agus as an aonais cha bhith againn ach ceòl binn.

Thoir sùil:
http://www.nosmag.com/
http://www.cli.org.uk/

...no seo?

19/04/2013

Soitheach fànais


Nach e tha math nuair a tha tachartas inntinneach san amharc san sgìre agad. Agus leis an-sin, chan eil mi a' ciallachadh àite air beulaibh bogs' an amadain a' coimhead air tuilleadh ceòl dùthchail air a chluich air beulaibh bodaich is cailleachan a tha nan leth-chadail.

Chan eil càil agam an-aghaidh ceòl na fidhle - tha tòrr dheth beòthail is breabail - ach chan e deagh theilidh a th'ann. Nach biodh e fada na b'fhearr beò - am measg sluagh mòr teann is gun sgeul air cathair is bòrd?

Co-dhiù, chan ann tric is minic sa tha leabhar ùr gu bhith a' nochdadh a tha an dà chuid sa Ghàidhlig agus mu sgiorradh sna speuran. Oh, agus le ceòl punc na Gàidhlig na chois.

Siud a th'againn ann an Dùn Eideann an ath sheachdainn nuair a bhios Tim Armstrong a' cur air bhog an leabhair saidh-faidh aige le beagan cuideachaidh bho Oi Polloi. Gu h-inntinneach, bidh seo uile a' tachairt sa chiad dol a-mach ann am bùth chlàr air Staran Lìte/ Leith Walk is an uair sin air bòrd bàta shìos aig Cladach Port Lìte.

Tuilleadh fiosrachaidh:
 http://drilseach.net/2013/04/17/rocadh-air-a-bhata-ann-an-dun-eideann/

http://www.oipolloi.org/

http://ur-sgeul.tumblr.com/


24/02/2013

Oraidean Shoillse air ais.


Chì mi gu bheil sreath de dh'òraidean a' toiseachadh as ùr aig Oilthigh Dhùn Eideann an t-seachdainn-sa leis an t-seann sheinneadair bho Mhill a h-Uile Rud agus Na Gathan - Tim Armstrong - a' tighinn a bhruidhinn air 'Ionnsachadh Cànain mar Ghnìomh Sòisealta: Luchd-ionnsachaidh Inbheach agus Ath-bheothachadh na Gàidhlig'.

As dèidh bhliadhnaichean a' cluich ann an comhlan-ciùil beòthail a thug ceòl ùr sa Ghàidhlig do dh'oigridh air feadh na h-Eòrpa, tha mi làn chinnteach nach bi e a' moladh na leanas:
  • tuilleadh òrain shean-fhàsanta ghruamach air am sparradh air ar cloinne leis a' Chomann Ghaidhealaich
  • 'Taghadh bho na Trads' air BBC Alba o mhoch gu dubh
  • cur às buileach do na cùrsaichean Ulpan is coisearan Gàidhlig a steidheachadh nan àite
  • òrain spioradail bho Mhary Ann Kennedy gach madainn an àite Prògran Choinnich
  • eadar-theangachadh bhon a' Chomann Ghaidhealaich air gach ainm-àite Gàidhlig a th'air na mapaichean Ordnance Survey air eagal's gun cuir iad dragh air luchd na Beurla
Fealla-dhà dhan darna taobh airson diog ge-tà, nach mòr am beud nach eil tuilleadh againn mar Na Gathan is fèis Roc na Gàidhlig?

Sìos le cultar sgìtheil! Rocamaid gu cruaidh!

Tuilleadh fios an-seo.
Ceòl an-seo.

07/11/2009

Ròc na Gàidhlig 2009



Dà bhliadhna air adhart is tha RnG #2 romhainn. Gu mi-fhortanach, chan e turas fad' a tha seo ach aon oidhche ann an Dùn Eideann. Co-dhiù, chan eil sin na adhbhar ghearain idir. Gu h-àraidh nuair a gheibhear Oi Polloi, Na Gathan agus Atomgewitter air an aon àrd-urlar san aon oidhche. A bharrachd air sin, tha comhlan roc ùr gu bheith nan cois air a bheil Gadan Bolaidh. Chan eil fios sam bith agam mu'n deidhinn ach nach math gu bheil comhlam eile againn a bhios a' dèanamh rudeigin ùr leis a' Ghàidhlig.

Mar sin dheth, oidhche de phunc, 'dùr-nos' (mas e sin a' Ghàidhlig air hardcore) agus indie-rock. Cha chluinnear smid bho Chapercaillie.


San eadraiginn ge-tà, thoir sùil air a' bhideo seo a chaidh a chraoladh air a' BhBC o chionn bliadhna no dhà mu'n fharpais airson ceol ùr Ceilteach.

Ròc na Gàidhlig 2009 - Disathairne 28/11/09
Cafaidh na Coille/ Forest Cafe, Bristo Place, Dùn Eideann.

29/04/2009

Leabhar ur is ceol roc na Gàidhlig


















Nach math gu bheil UrSgeul a' dol bho neart gu neart? Nach math cuideachd gu bheil cuid a Ghaidheil dana gu leor rudeigin ùr fheuchainn?

Mar sin dheth, ma bhios tu faisg air Obar Dheathainn air 15mh Ceitein, gabh a-steach dhan tachartas seo aig an fhèis WORD. Tha giog leis na Gathan as a dheidh.

Cha b'urrainn na b'fheàrr!

29/01/2008

Turas Roc nan Cànan Cèilteach 2008


Nach bochd nach tachradh rudan mar seo na bu trice! Ach tha tri comhlanan ciùil a tha Cèilteach gu cul an impis turas beag ann an Alba a gabhail os laimh. Siad Oi Polloi, Na Gathan agus nas inntinniche buileach 's docha, Les Ramoneurs de Menhirs as a' Bhreatainn Bhig. Seinnidh iadsan ann am Breatannais is cuiridh iad a' phiob Breatannach gu feum an cois ceol beothail punc. Nach math siud!

Gheibh thu caochladh meadhanach farsaing de cheol a-reir choltais, ach a h-uile puing dheth beothail is ùr-nosach. Cluichidh iad ann an Glaschu, Obar Dheathainn is Dùn Eideann air an t-seachdainn-sa fhèin. Bi ann no bi fann. Bas dhan t-sean nos!

Larach nan Gath

Les Ramoneurs air You Tube