04/02/2008

Seachd searbh sgìth den SAA!

“I’m so bored of the USA”, be siud faclan na Clash ach sa Ghàidhlig là no dhà air ais. Sann aig Na Gathan a bha iad. Cha b’ann dhaibh faclan bhàrd mharbh bho chionn caogad bliadhna no còrr ach briathran Joe Strummer.

Chluich Na Gathan mar phàirt de Turas Roc nan Cànan Ceilteach no Celtic Punk Connections. Tha iad air leth math cuideachd. Spòrsail, ceòlmhor is beòthail.

Bha Oi Polloi mar bu dual, a’ dol eadar ceòl trom luath agus rudeigin na bu dannsmhòire is binn.

Cha mhòr nach robh as seat’ aca gu lèir sa Ghàidhlig le òrain ùra Gàidhlig mar ‘Òigridh air na Sràidean’ is ‘Tha Sinn Air Ais’. Thug iad seachad leasan no dhà cuideachd mar ‘Gòrdon Brown – Pòg Mo Thon’. Olc a’ bhalaich, fèir olc.

Mu dheireadh, bha sàr chomhlan Breatannach, Les Ramoneurs de Menhirs. Dìreach air leth. Faic iad air You Tube. Sa bhad! Ceòl ruitheamach fonnmhor punc air a mheasgachadh le fuinn is òrain tràidiseanta à Breizh sa chànan aca fhèin an cois fuaim nam pìob Breatannach. Air leth dannsmhor is bha an èisteachd aig Henry’s Cellar Bar air an casan mar an ceudna.

Tha fadachd orm na trì comhlanan seo fhaicinn aig a’ Hebrides Celtic Festival. Chuireadh iad ceòl ùr air feadh na fidhle.

29/01/2008

Turas Roc nan Cànan Cèilteach 2008


Nach bochd nach tachradh rudan mar seo na bu trice! Ach tha tri comhlanan ciùil a tha Cèilteach gu cul an impis turas beag ann an Alba a gabhail os laimh. Siad Oi Polloi, Na Gathan agus nas inntinniche buileach 's docha, Les Ramoneurs de Menhirs as a' Bhreatainn Bhig. Seinnidh iadsan ann am Breatannais is cuiridh iad a' phiob Breatannach gu feum an cois ceol beothail punc. Nach math siud!

Gheibh thu caochladh meadhanach farsaing de cheol a-reir choltais, ach a h-uile puing dheth beothail is ùr-nosach. Cluichidh iad ann an Glaschu, Obar Dheathainn is Dùn Eideann air an t-seachdainn-sa fhèin. Bi ann no bi fann. Bas dhan t-sean nos!

Larach nan Gath

Les Ramoneurs air You Tube

24/12/2007

Fèis Gheamhraidh gun Saobh-chràbhadh.

Tha e ceart is iomchaidh aig am àm seo cuimhneachadh gu bheil sinn uile measail is airidh air fèis is fois ann an dubh a’ gheamhraidh. Se sinn a rinneadh bho chionn linn biathadh nan Crìosdaidh dha na Leòmhannan.

Mar a chaidh innise dhomh le sgoilear Crìosdaidh, chaidh Ìosa bhreith uaireigin san earrach, sa Mhàrt, tha e coltach. Tha buntanas aig an Nollaig againn ri iomadh cleachdadh pàganach. Mar sin dheth, faodaidh sinn cuimhneachadh duine sam bith... Ìosa no Allah, Cù Chulainn no Fionn, Thor no Odin... no dìreach ar cuideachd fhèin.

Ann an 2008 nach cuir sinn cul ri creidseamh?

Nach seall thu air Dawkins?

04/05/2007

Bedtime for Democracy - Alba Twinned with Zimbabwe


Obh, obh... rinn Labor a h-uile càil a b'urrainn dha gus an SNP a chumail a-mach ach na tanaichean a chur a-steach. Am bi Jack MacMugabe fhathast againn mar Numptie-in-charge?

Iognatach gun deach 100 000 bhot a 'sgrios'. Amharasach, fiùs...

Ach nochd beagan solais tro sgothan daorsa nam Breatannach... chaidh breab a thoirt do Al 'gun fheum' Moireasdan sna h-Eileanan Siar!

02/05/2007

Tha an t-àm ann


Seo an cothrom ar cul a chur ris a' Phàrtaidh Laborach is an cuid leisgearan mar Alastair Moireasdan. Complacent agus lazy ach nuair a tha iad a' caitheamh ar n-airgead air cogaidhean mi-laghail is urchairean gun fheum.


Seo cuideachd an t-am againn rudeigin a dhèanamh airson Alba, airson na h-arainneachd agus airson na Gàidhlig. Mar sin dheth bu mhath is fhiach e cros a chur mu choinneamh SNP, Uaine, SSP no Solidarity. Ach, eil a' mhisneachd againn an ceum a ghabhail?