08/02/2011

Mar chuimhneachan air Chernobyl

Ged a tha saidheans air an t-uabhas a dhèanamh dhuinn - nach sinn a tha fad-shaoghalta air a sgàth? - tha e ceart is iomchaidh teagamhan a nochdadh an-dràsta sa-rithist.  Gu h-àraid nuair a tha an taobh sanntach no cearbach de mhac an duine a' togail a chinn. Chan eil ann a-siud ach reusan. Ma tha sinn gu bhith ag aontachadh le saidheans fad na h-ùine gun a bhith ga cheasnachadh, tha cho math dhuinn gabhail ri creidseamh is saobh-chràbhadh mar a rinn sinn bho chionn linntean nuair nach robh fios na b'fheàrr againn.

Se aon de na h-eisimplearan as miosa de shaidheans a' dol far an rathad an tubaist niuclasach aig Chernobyl. Dh'fhàg an spreadhadh seo co-dhiù na miltean marbh is gus an là an-diugh tha clann air am breith a tha ciurramach ri linn an galar-gathachd a thig an cois stuth radiobeo. Eadhon ma ni ha h-ughdarrasan nas urrainn dhaibh gus a dhèanamh sàbhailte, se dh'fhaodadh tachairt - sa bhad agus airson ginealaichean as a dhèidh - a dh'fhàgas e gu h-àraid cunnartach. Siud agus an cosgais. Tha e cianail daor agus b'fheairrde sinn ar n-airgead a chosg air cumhachd buan a tha glan is saor.

Mar chuimhneachan air an tubaist seo, tha grunnan comhlan punc is roc a' cluich ann an Dùn Eideann aig toiseach a' Cheitein. Togaidh an giog airgead airson Clann Chernobyl a tha fhathast a' fulang. Tha e na bhuannachd cuideachd gum bi dà chomhlan an-lathair a' seinn sa Ghàidhlig. Siad Oi Polloi a tha rudeigin ainmeil sa bhios a' cluich gu cunabhalach an Alba is thall thairis. Comhla riutha, bidh An t-Uabhas, comhlan garaids-punc às an Eilean Sgitheanach.

Theirig ann no bidh gu maslach fann...

No comments: