29/10/2010

Strì ann an Sruighlea

Tha e air tighinn am follais gu bheil comhairlichean ann an Sruighlea am beachd ‘foghlam na Gàidhlig’ a gheàrradh. Chan eil iad ge-tà airson an abairt siud a chur an cèill. Cha mhinich iad an e ‘foghlam tro mheadhan na Gàidhlig’ no an e ‘Gàidhlig mar dàrna chànan’ a th’aca nan intinn. No eadhon foghlam sa choimhearsnachd do dh’inbhich.

Tha e do-chreidsinneach gun tàinig plana mar seo am bàrr sa chiad dol a-mach. Le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, tha suas ri 75% den airgead a’ tighinn bhon a’ riaghaltas, chan eil Comhairle Shruighlea dol a shàbhalachadh tòrr airgid co-dhìu. A bharrachd air siud, tha a’ chlann feumach air foghlam agus ‘s fheàirrde iad an dà chànan seach aon a-mhàin.

San aithris HMIE air an sgoil o choinn ghoirid, fhuair clann na Gàidhigh 'math' airson an cuid foghlam fhad's nach d'fhuair an roinn Bheurla ach 'meadhanach'. Se foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an slighe air adhart.

Ciallach? No cho tiugh ri Plug?

Co-dhìu, tha pàrantan aig Bungsoil Taobh na h-Aibhne fo iomgain mu dheidhinn a’ chuis mar a tha luchd na Gàidhlig uile sa sgìre.

Cuir ris an iomairt gus Gàidhlig a dhìon agus adhartachadh ann an sgìre Shruighlea.

Seo foirm air-loidhne gus gearain a dhèanamh dhan Roinn Foghlaim aca:

No seo duilleag le liosta de na comhlairlichean. San dol seachad, tha cuid de na comhlairichean Toraidheach air gearan mu’n a’ Ghàidhlig san àm a dh’fhalbh.

06/05/2010

Comann nan Dùthchannan Ceilteach?


No, mar a thuirt Alaig Salmond, “a Celtic Alliance”. S mathaid gun robh esan a-mach air co-obrachadh eadar a’ Chuimrigh agus Alba, mar phàirt den Rìoghachd Aonaichte ach carson nach bu choir dhuinn an-dràsta barrachd a dhèanamh eadar Eirinn, a’ Bhreatann Bheag, Eilean Mhanainn agus a’ Chòrn?

An uairsin b’urrainn dhuinn gluasad dh’ionnsaigh neo-eisimileachd shlàn.

Tha an nàdar seo de cho-chaidreachas ag obair glè mhath dha na dùthchannan Lochlannach. Chan eil iad uile cho beàrtach ri Saudi Arabia ach tha an inbhe de bheatha anns gach aon de na dùthchannan siud co-dhiù co-ionnan no nas fheàrr na siud a th’againn an-seo. Nirribhidh gu h-àraid. Nuair a lorg Nirribhidh òla sna 70an, cha do chosg iad an cuid saoibhreis sa bhad ach chuir iad cnap mhòr dheth dhan dàrna taobh. A-nis, tha còrr is £269billean aca sa bhanca. Is siud gan cùmail dòigheal le deagh sgoiltean, sàr sheirbheas shlàinte agus còmhdhail air leth.

Siud an-dòigh air adhart. Nis, a-mach dhan stèisean bhòtadh gus Alba shaor a thaghadh.

07/11/2009

Ròc na Gàidhlig 2009



Dà bhliadhna air adhart is tha RnG #2 romhainn. Gu mi-fhortanach, chan e turas fad' a tha seo ach aon oidhche ann an Dùn Eideann. Co-dhiù, chan eil sin na adhbhar ghearain idir. Gu h-àraidh nuair a gheibhear Oi Polloi, Na Gathan agus Atomgewitter air an aon àrd-urlar san aon oidhche. A bharrachd air sin, tha comhlan roc ùr gu bheith nan cois air a bheil Gadan Bolaidh. Chan eil fios sam bith agam mu'n deidhinn ach nach math gu bheil comhlam eile againn a bhios a' dèanamh rudeigin ùr leis a' Ghàidhlig.

Mar sin dheth, oidhche de phunc, 'dùr-nos' (mas e sin a' Ghàidhlig air hardcore) agus indie-rock. Cha chluinnear smid bho Chapercaillie.


San eadraiginn ge-tà, thoir sùil air a' bhideo seo a chaidh a chraoladh air a' BhBC o chionn bliadhna no dhà mu'n fharpais airson ceol ùr Ceilteach.

Ròc na Gàidhlig 2009 - Disathairne 28/11/09
Cafaidh na Coille/ Forest Cafe, Bristo Place, Dùn Eideann.

08/09/2009

Gàidhlig sa Choille


Ann an Dùn Eideann, tha àite air a' bheil A' Choille no The Forest ann an cànan nan Sasannach. Ionad inntinneach a th'ann mar mheasgachadh eadar Starbucks airson hiopaidhean agus taigh-cruinneachaidh airson nan ealan.

Chan ann tric a chluinneas tu guth Albannach, gun luaidh air a' Ghàidhlig, ann an àite mar siud ann an Dùn Eideann ach... thathar a' cumail clasaichean Gàidhlig ann. Tha iad saor san asgaidh cuideachd. Bidh iad a' ruith gach Diciadain mar sin sgaoil an naidheachd gu luchd na Beurla! Coltach cuideachd gum bi oidhche Ghàidhlig aca a dh'aithghearr le gaisgich nam fonn mar Oi Polloi, Na Gathan agus Atomgewitter a' cluich. Tha fadachd orm.

Theirig gu 3 Bristo Place, DE.

15/07/2009

Adhartas ga aiseag a-null a Leòdhas


Seo agaibh e! Aiseagan na Sàbaid mu dheireadh thall eadar Ulapul is Steòrnabhagh. Tha na Clèirich a’ cur as an corp mu bhriseadh fois is eile ach feumar cuimhneachadh gun cuireadh iadsan stad air cha mhòr a h-uile rud a ghabhadh dèanamh ann an Leòdhas.

Cluich air a’ choimpiùtar? Coiseachd air an tràigh? Sgriob chun a’ mhonaidh? Ball-coise sa phàirc? Cuairt air an rothar agad? Barbeque?

A-rèir an fheallsanachd chumhaing aca, cha dèanar air Là na Sàbaid ach ùrnaigh dhan dia aca. Chan eil e gu diofar nach eil mir fianais ann airson dia sam bith – spàrraidh iad an cuid creidseamh ort co-dhiù. Mar as luaithe a thèid creidseamh à bith sann as fheàrr.