Gu mi-fhortanach, tha e coltach gun dèan pàrtaidhean beaga an taobh dheis beagan adhartais san taghadh Eòrpach. Bhoill, ann an Sasann co-dhiù agus ‘s mathaid ann an Glaschu cuideachd. Tha leth-chiallaich mar a’ Bhnp agus Ukip làn chac. ‘Eil sinn ag iarraidh a bhith ri cogadh gun sgùr an-aghaidh ar nabaidhean? Chan ìongnadh e ‘s gu bheil na pàrtaidhean siud loma làn Little Englanders is gràin aca air rud sam bith a tha 'coimheach'.
Co-dhiù, bha e na chuis-gaire dhomhsa – is cha bu bheag siud! – lorg a-mach gu bheil a’ bhileag aig a’ Bhnp rudeigin ‘cein’! A-rèir choltas, tha an luchd-obrach à Oregon, na Spitfires às a’ Pholain agus na seann daoine ann às an Eadailt. Bnp – cho tiugh ri cac a’ choin is mil’ uair nas salaiche!
A dh’aindeoin ‘s gu bheil ar beathannan air an riaghladh le reusan is tonaisg, tha fhathast iadsan a chumas a-mach gu bheil iadsan sònraichte air sgàth ‘s gun do ghabh iad ri beachdan is smaointean nach gabh dearbhadh. Ged a tha eòlas no saidheans na phàirt riatanach de bheatha an là seo, tha luchd saobh-chràbhaidh anns an h-eaglaisean fhathast airson tilleadh dha na làithean nuair a bha cumhachd aca. Is nach iad na laithean a bha dorcha is mi-thaitneach.
San Eilean Sgiathanach, tha diofar treubhan bho na h-eaglaisean Clèireach an amhaich a-chèile airson greim a chumail air toglaichean a bha uair aig aon aca, mus do dhealaich iad. Tha Eaglais na h-Alba a’ cur impidh air BBC Alba barrachd prògraman creidseamhach a shealltainn. Agus seo, a dh’aindeoin’s nach eil ach 1 ann an gach 10 a’ frithealadh eaglais. Nach eil iad riaraichte leis a’ chac is gòraiche a thèid craoladh gach là fon tiotal ‘Smuain na Maidne’?
Chan e cinneadh a th’ann an creidseamh. Se beachdan aosta aig nach eil smior de dh’fhianais ris an do ghabh iad gu saor-thoileach. Lifestyle choices, mar a chanar sa chànan eile. Tha iad saor gus beachd sam bith a leantainn ach am bu choir dhan staid no luchd-pàighidh nan cìsean a sheasamh?
Cum creidseamh dha na taighean is eaglais aig na daoine a tha faoin gu leòr a leantainn. Cum creidseamh taobh a-muigh ar sgoiltean is meadhanan. Tha coir aig clann a’ bhith a’ ceasnachadh, deasbad is reusanachadh, chan e dìreach beachdan a shlùgadh.
Nach math gu bheil UrSgeul a' dol bho neart gu neart? Nach math cuideachd gu bheil cuid a Ghaidheil dana gu leor rudeigin ùr fheuchainn?
Mar sin dheth, ma bhios tu faisg air Obar Dheathainn air 15mh Ceitein, gabh a-steach dhan tachartas seo aig an fhèis WORD. Tha giog leis na Gathan as a dheidh.
Ath-chuinge/ petition (sa chanan Laideanach)gus BBC Alba a chur air Freeview. Carson nach eile am BBC a’ toirt seachad seirbhis dhan a h-uile duine a phaigheas cis teilidh?
Cuiribh ainm ris agus sgaoil e! Feumaidh tu a dheanamh ro 5mh Dubhlachd. Ri àm sgrìobhaidh, tha còrr is mile neach ann. De puta madre! Cho math ri cac Iain Luim!
Fàire! Giog san amharc! Mu dheireadh thall ach tha ceòl math inntinneach gu bhith aig a’ Mhòd. Uill, air an iomall co-dhiù. Agus co na b’fheàrr airson a Mod Fringe a chrathadh ach Oi Polloi agus Na Gathan. Cùmhachd, fuinn, faclan mi-mhodhail agus daoine àraid.
Faic iad aig: Behind the Wall, An Eaglais Bhreac, Diluain 13h Dàmhair. 7.30f agus saor san asgaidh.