Air an t-seachdainn-sa, chìthear farpais ùr beòthail – tha sinn an dòchas! - aig Eden Court ann an Inbhir Nis. Se fath ‘Nòs Ùr’ òrain a chur air adhart dha farpais Eòrpach a tha na nàdar de Eurovision airson mion-chànain. Gheibhear farpaisich a’ seinn anns a’ Ghàidhlig, Cuimris agus.... a’ Bheurla-Ghallda! Ach, chan eil anns an òran ‘Scots’ – air a sheinn le Davy Tait - ach Beurla àbhaisteach leis a’ chorra fhacal mar ‘wis’ agus ‘doon’. Mar na Broons ach as aonais

Gu ruige seo, tha m’airgead air Oi Polloi. Comhlan nach eil ‘ùr’ ach a chluicheas ceòl nach eil tràidiseanta no ‘Gaidhealach’. Tha cuideachd stuth inntinneach – reggae is indie – às a’ Chuimrigh. Cus ‘folk’ fhathast ann ge-tà. Mar sin dheth, tha mi’n dòchas nach dèan folk sam bith a’ chuis air!
Theirig ann, no theirig air loidhne is bhòt.