Bha mi a-riamh den bheachd gu bheil ceòl na Gàidhlig san là an-diugh fada ro fhad' air ais. Mar eisimpleir, chunnacas bho chionn ghoirid farpais ‘Nòs Ùr’ ga shanasachadh. Bhiodh seo math ach tha e coltach gur ann fon sgèith ‘trad’ a bhios e. Mar sin dheth, ‘s dòcha gum faigh sinn fonn ùr no dhà ach sann san aon cheòl sean-nòsach sa bhios e.
Chan eil
cnapan-starra mar sin fainear nam Basgach. Coltach gu bheil taic aca bhon
riaghaltas airson ceòl de gach seòrsa a chruthachadh. Thèid seo a thaisbeanadh
air prògraman ciùil air telebhisean Bhasgais.
Tha prògraman ann de uair no dhà a dh’fhaid is iad làn de cheòl roc,
punk, ska, reggae, pop, indie, rap is eile le gach òran sa Bhasgais. Cha tèid
an seann chultar an diochuimhn ge-tà agus chìthear e a’ nochdadh air ùrlar ùr
ann cuid de bhideothan aca, mar aig Itziarren Semeak an-seo.
Bidh
Itziarren Semeak a’ tadhal air Alba airson a’ chiad turas agus cluichidh iad an
Dùn Eideann air Didomhnaich 27 Màirt. Coltach gu bheil an cuirm saor
san-asgaidh cuideachd. S math as fhiach e uair no dhà den oidhche agad.
No comments:
Post a Comment