12/11/2006

Là gun cheannachd – 25mh Samhain 2006

Nach math an smaoin seo. Le fèisean a’ Gheamhraidh a’ teannadh dlùth agus dha rèir, barrachd impidh ga chur oirnn ar n-airgead a chur bhuainn, bhiodh là far nach eil an cudrom sin ann na fhaochadh dhuinn uile. A thuilleadh air siud, tha e na dheagh chothrom air beagan fois inntinn a ghabhail. Chìthear sna bùthan aig an àm seo den bhliadhna gach uireasbhaidh daonna a’ tighinn am bàrr. Sannt is strì is daoine air an slugadh le cumhachd an t-sanasachd.

Sann a thoisich seo leis a’ bhuidheann Adbusters agus chan ann dhan t-slàinte againn fhìn a-mhàin a tha seo ach airson cor ar planaid. A bharrachd air siud, carson a dh'fheumas cuid mhòr den t-saoghail aig nach eil suim sam bith dhan taobh seo den chultar againne obair am bùthan fallais dhuinne?

Chanainn gur e sàr chothrom a tha seo airson onghail is amaideas nam bùthan is a’ bhaile mhòr a chur air ar culaibh is togail oirnn dhan dùthaich.

Tuilleadh eòlais an-seo:
http://www.adbusters.org/home/
http://www.buynothingday.co.uk/
http://en.wikipedia.org/wiki/Buy_Nothing_Day

2 comments:

Graisg said...

Saoil, Nollaig gun shannt, nach biodh sin sgràthail fhèin math?

Steaphan MacRisnidh said...

Nam bharail-sa, Radge, tha latha gun cheannachd ann dha gach neach nach eil ag iarraidh a dhol a-mach a cheannach rudeigin, air latha sam bith.

Cuimhnich, bidh daoine a` dol a-mach agus ri seopadaireachd airson adhbharan nach eil ceangailte ri cheannachd idir. Uaireannan, chan e ach leisgeul eile a th`ann airson a bhith ri spòrs agus airson toileachas fhaighinn ann an cuideachd caraidean is an caidreabh an luchd-gràidh againn. Tha dibhearsan mar sin riatanach....nach eil...?