20/08/2006

Fàg aige na choisinn e.


Cuir clach air a chàrn.

Se tha gam fhàgail car diumbach ach an upraid a tha air èirigh, gu h-àraid sa Ghearmailt, mu’n sgrìobhadair Gunter Grass. Aideachaidh mi an-dràst nach mòr gu bheil air cluinntinn mu dheidhinn agus nach do leugh mi a-riamh càil dhen obair aige. A-rèir a h-uile coltas ge-tà, se obair ionmholta domhainn a th’ann. Ach se na tha e air dhèanamh airson gnothaichean an taoibh chlì agus airson sìth san t-saoghail sa tha toirt air cuid a dhaoine èigheachd mu’n duais Nobel a fhuair e leigeil às.

A dh’aindeoin mo chuid aineolais aig an duine, cha thuig mi carson a bu choir dha a bhith air cheannsachadh air sgàth rudeigin gòrach a rinn e na òige. Cia mheud againn nach d’rinn mearachd air choireigin is sinn nar deugairean? Agus ma thogar mur a dh’aidich e càil gu ruige seo! S iomadh òganach a ghabh ri donadas air choireigin ach a rèitich cuisean as a dhèidh. B’fheàirrde na daoine dubhach gearaineach Gearmailteach eile a chur fon phrosbaig – cò eile ach am Panzer Pope. Se an fhìrinn ‘s gun robh esan òg agus bog na bheachdan cuideachd ach se na beachdan mi-reusanta puinnseanta a th’aige san là an-diugh a dh’fhàgas mise ruideigin an-fhoiseil. Agus ged a dh’iarr e mathanas air na h-Iubhaich as leth na h-eaglaise aige tha e fhathast na cheannard aig buidheann a bheannaich na Nasaich. Se am Pàp Pius XII a tha aithnichte a-nis mar ‘Hitler’s Pope’ agus tha air dhealbhachadh air comhdaich LP aig Killing Joke.


Co-dhiù, fàg aig Grass (Mac ‘ill’an Fheòir?!) an duais aige agus na th’aige fhathast den chliu aige.

2 comments:

mona said...

Chan eil na rudan a dh' innis G. Grass mun bheatha aige cho uabhasach ùr, agus mar a thuirt thusa, chan eil sin cho cudthromach co-dhiù... Ach tha e coltach gun robh an t-eagal air nach robh duine sam bith ag iarraidh an leabhar ùr aige a cheannachd... deagh shanasachd, chanainn-sa ;-)
Mona

Anonymous said...

Fior. Goraich na h-oige...