29/08/2006

Gàidhlig Na Lasair



Seo agad e Roddy Atom! Sanas beag airson an CD agad. Feumar aideachadh gu bheil e math dhà rìribh, nas fheàrr na’n clàr ‘Gàidhlig mar Sgian’. Tha Mill a h-Uile Rud air ghleus an-seo – ‘Crath do Thòn’, abair classic! Atomgevitter... cho mental ri anything, seinn mar mac-dìolainn Kylie Minogue agus yon guy bho System of a Down. Sgoinneil. Agus a chuid as fheàrr bho Oi Polloi a thaobh an cuid òrain Ghàidhlig. Cuiridh ‘Saorsa do Vananu’ do chasan air dòigh is do cheann ri crathadh. Ach, mura h-eil taobh agad ri punc, feuch Nad Aislingean. Gu h-àraid ‘Pòg A-Rithist Mi’ – fonn anabarrach math is guth dha rèir.

Feuch na h-òrain aig a’ cheangail seo:
Meanbh-chlàr Gàidhlig Na Lasair (Problem? Records)


San eadraigin, seo agad Roddy Atomgevitter an cois neach-camara à Taiwan.

2 comments:

Anonymous said...

Gu dearbh, tha Gàidhlig beò!

Anonymous said...

Ciadan -
A' chiad rap anns a' Ghàidhlig
A' chiad teacno ùr anns a' Ghàidhlig (an àite remix de sheann phuirt-a-bheul no rudegin)
A' chiad thrash anns a' Ghàidhlig
A' chiad tonn-ùr anns a' Ghàidhlig (mus e tonn-ùr a th' ann an The Thing Upstairs)
A' chiad CD cruinneachaidh làn òran ùra nuadha ann an Gàidhlig
'S math a rinn Ruairidh Gevitter!