03/09/2006

Aiseirigh no camhanach fuadain?


Nach bu ghlòrmhor an sealladh an-de! Sgioba nàiseanta na h-Alba, is “ALBA” sgrìobhte airson a’ chiad uair air cul an lèintean, a’ breabadh sia dathan a’ chac (san t-seadh bhall-coise, tuigidh tu) às na h-Eileanaich Fàro. Chan fhacas uiread sonachais an taighean-seinnse ar dùthcha bhon a rinn sinn a’ chuis an-aghaidh nan Tìrean Iosal fo stiùir Bhertidh Vogts. Ach, nach be siud an sgioba nach tàinig gu bùil. Siubhal gun siucar, ma chunnacas a-riamh e.

Anns a’ chiad dol a-mach ge-tà, tha coltas gu math gealltanach air cuisean. “Cha b’iad ach na Fàraich”, thuirt cuid, ach be siud an dearbh rud nach b’urrainn dhuinn a dhèanamh gus o chionn ghoirid. Mas urrainn dhuinn seo a dhèanamh an-aghaidh nan sgioba beag is meadhanach agus mas urrainn dhuinn sabaid mar deamhain an-aghaidh nam balach mòr às an Fhràing agus an Eadailt, cò chanas nach bi sinn san fharpais Eòrpach an 2008. We have a dream. Nisd, cà bheil an ath h-Eardsaidh Gemmel?!

Se gnìomhan a dhearbhas ge-tà agus feumaidh sinn cluich a cheart cho math an-aghaidh Lithuania Diciadain sa tighinn. Lithuania? An ann aig Tynecastle sa bhios e? Siud sgeulachd eile.... agus seo Liotuanianach car cliùiteach an cois Creag Gordain, cùl-raonaidh na h-Alba. Beachd sam bith bho na Hibees dè bha iad ris aig an àm? Freagairtean fodha, mas e ur toil e.


No comments: