11/09/2006

An cogadh air ceannairceas is dè dìreach a thachair...

Press for Truth...

Air an là seo, tha na meadhanan làn den sgrios a thachair sna Stàitean Aonaichte. Ge bu chianail e gu dearbh, thachair an dearbh sgrios roimhe is tachraidh a-rithist e cho fad sa bhios ana-cheartas is di-chuimh' a' riaghladh ann an Lunnainn is Washington. Agus nach e tha a’ tachairt an-dràsta fhèin.

S duilich call bheatha sam bith ach tha làn thìde againn coimhead air dè as coireach agus dè is urrainn dhuinn dèanamh gus a leithid de rud a sheachdnadh san àm ri teachd.

Eadar Nicaragua is Vietnam, libhrig polasaidh cèin nan S.A. am bàs dha na ceudan de mhìltean, gun iochd, gun mhathanas. Agus an-dràsta, tha an ‘cogadh air ceannairceas’ ag adhbhrachadh barrachd cheannairceis air feadh na cruinne. A bheil sinn dhà-rìribh nas sàbhailte an-diugh sna bha sinn o chionn 5 bhlidhna?

Tha am fiolm 'Press for Truth' a-nis mu sgaoil. Tha e a’ sgrùdadh na thachair ann an New York agus an iomairt a tha iadsan a chaill buill-theaghlaich a’ dèanamh gus an fhirinn a thoirt gu fianais. Gheibhear an dà chuid air Bhideo Ghoogle, ro-shealladh aig 2 mhionaid agus am fiolm slàn fhèin. Clach air an càrn.

9/11Press for Truth: bhideo aig Google

An tuilleadh fiosrachaidh an-seo:
9/11 Press for Truth.


1 comment:

Anonymous said...

Tha mi duilich, ach chan eil Gaelic moran agam. I noticed your post in response to the Scotsman article about teaching methodologies and went on your blog. I'm very intrigued to know more about the bands -- punk and so on -- that are using Gaelic. I'm in Canada and have a professional interest in learning more. Could be please email me with some more info? I'd really appreciate the dialogue.
Cheers,
jenna
jenna_macneil@hotmail.com