An-diugh, thug na ceudan de nàiseantaich dha sràidean Dhùn Eideann gus iarrtas a dhèanamh airson cunntas-bheachd air cuspair neo-eisimileachd. Ach, an robh Gàidhlig ri faicinn air na sanasan, brataichean is bileagan? Aye right. Uill, bha Gàidhlig na h-Eirinn ann air bratach ‘Cairde na h-Eirinn’ ach tha e coltach nach urrainn dha na nàiseantaich againne cànan ar dùthcha-sa a chur an gnìomh.
Mar sin dheth, mur is urrainn dha na Gàidheil a tha an-sàs ann am buidhnean mar ‘Independence 1st’ – agus tha iad ann – cuin tha iad gu bhith ga cleachdadh? Nach biodh cleachdadh na Gàidhlig a’ cur ri ionnannachd na h-Alba agus sin, mar an ceudna a’ cur ris an t-sealladh de dh’Alba mar dùthaich air leth, le cultar is cànan air leth?
Ach a-reir nam balbh-Cheilteach a bhruidhneas as leth ‘Indy 1st’, chan eil cuisean mar chànan cudromach aig an ìre seo. Feumaidh sinn feitheamh gus an là a gheibh sinn Alba shaor. Saoil a-reist, carson a tha nàiseantaich Eireannaich, Basgaich agus Cuimrich cho deidheil air cleachdach nan cànan acasan? Tha mi gu tùr airson Alba shaor ach a bheil math dhuinn ar cànan a treigsinn san eadraiginn? Indpendence 1st and Gaelic sometime later, but the butcher's tongue in the meantime... seo agaibh dealbh de chaismeachd eile bho chionn linn crochadh nan croitear...
1 comment:
Tha mi a` dol leat gun teagamh ann a-sheo.
Post a Comment