20/03/2007

Roc na Gàidhlig - breabadh is beothail an Dùn Eideann


Thòisich Oi Polloi is Là Luain air turas ‘Roc na Gàidhlig’ air Didomhnaich ann an Seana Bhaile na Smuid, prìomh bhaile ar dùthcha. Ann an àite teann, ach iomchaidh, ris an canar Henry’s Cellar Bar, chuir Là Luain air dòigh caibideal ùr ann an ceòl ùr na Gàidhlig. Tha iadsan a’ cumail orra far na sgùir Mill a h-Uile Rud agus gu dearbh fhèin nach robh sinn eòlach air cuid de na h-òrain a chaidh cluich? Nach math siud ge-tà, bha iad beòthail is fonnmhor is Gaidhealach gu cul san nòs ùr.


Bha Oi Polloi air ghleus. Fìor dheagh mheasgachadh de òrain, tòrr anns a’ Bheurla bho na bliadhnaichean a chaidh seachad – an e siud 25 bliadhna a-nis? – ach an fheadhainn as ùire agus as ùidheile sa chànan againn fhìn. Mar bu dual is bu nòs, bha fèill mhòr air ‘Ramalair Ruisgte’ is mar shamhla air brìgh an òrain, chuir aon fhireanach dheth a chuid aodach. Plòigh gu leòr. Ach saoilidh mi gur e ‘Ar Cànan, Ar Ceòl’ fonn ùr aiseirigh na Gàidhlig – fonn cho math sa th’ann is faclan brosnachail, onaireach na chois. Is 'Union Jack - Thall is Cac' na shamhla air an Alba ùr tha gu bhith romhain as dèidh taghadh nàiseanta na Ceitein. Tha sinn beò an dòchas!




Gu mi-fhortanach, cha do chluich ‘Gra Granna’ an-seo ach ‘s ìonantach mur a nochdas iad a dh’aitgheàrr air a’ chuairt seo. Cuairt nam bàrd beò, siud a th’ann!

No comments: