Mar a thuirt Dwelly, "se obair là toiseachadh...ach se obair bheatha crìochnachadh". Ann an saoghal pholataigs canar gur e ùine fhada a th'ann an seachdainn. Co-dhiù no co-dheth, tha mi a' saoilsinn gun robh ùine gu leòr aig an iomairt 'Yes' rudeigin a dhèanamh sa Ghàidhlig. Tha fhios gu bheil cuid a dhaoine air sgrìobhadh thuca faighneachd an dèan iad an dearbh rud sin.
Ach, freagairt... cha d'fhuaireadh. Cha chuala mise guth bhuapa co-dhiù.
Gu sìmplidh, se a' cheist a bhios fainear do shluagh na h-Alba:
A bheil thu ag aontachadh gu bu choir Alba a bhith neo-eisimeil?
Beachd eile aig Silicon Glen |
Chì sinn seo sa Chuimrigh - is ainm Cuimris air a' phrìomh phàrtaidh Chuimreach aca. Cuideachd ann an Eirinn far a bheil a' Ghàidlig acasan ga cur gu feum gu cunbhalach. Agus, tha e coltach gu bheil Basgais ann an Euskadi a' dol na cànan laitheil aig a' mhòr-chuid ann an ùine nach bi fada. Ciamar? Tro chleachdadh agus iomairt.
Mar sin, nach cuir sinn ar smaointean dhaibhsan a tha an sàs san Iomairt 'Tha'. Seo cuid dhiubh:
http://www.yesscotland.net/contact
info@yesscotland.net
Yes Scotland
1 St. Colme Street
Edinburgh
EH3 6AA
Cuideachd, tha...
Alasdair Allan BPA: scottish.ministers@scotland.gsi.gov.uk
agus
Pàdraig Harvie BPA: patrick.harvie.msp@scottish.parliament.uk
Cuir corrag ri meur-chlàr! Saor Alba.
Dealbh-tiotail bhon a' Bhuidheann Duibh.
2 comments:
Gun teagamh sam bith tha thu ceart 'ille. Ach tha e fior an aon rud a radh airson an da thaobh: an da chuid muinntir na h-Aonaidh agus na Naiseantaich...
Uell, chan eil mòran Gàidhlig ann air sgàth 's nach do chuir na Gàidheil i ann. Cuimhnich gur e iomairt "freumh an feòir" a th'ann Yes Scotland - tha buidheannan eadar-dhealaichte a' dèanamh iomairtean am measg buidheannan sònraichte m.e. boirreannaich, luchd-obraich, ògraich 's mar sin air adhart. Tha fànas ann 'son "Gàidheil 'son neo-eismealachd", nach eil? Duilleag air Facebook, cùnntas Twitter, blog, deasbaidean is òraidean air a' cur air dòigh... tha iomadh rud ann ri dhèanamh airson am facal a' sgoail am measg luchd-labhairt na Gàidhlig.
Tha mi a' fuireach ann an Sasainn an-dràsta, ach tha mi an dòchas gum bidh mi a' tilleadh an ath bhliadhna. A bheil sibh airson rudegin a' dèanamh mar seo còmhla riumsa agus nàiseantaich aig a bheil Gàidhlig eile?
Post a Comment