Chì mi gu bheil sreath de dh'òraidean a' toiseachadh as ùr aig Oilthigh Dhùn Eideann an t-seachdainn-sa leis an t-seann sheinneadair bho Mhill a h-Uile Rud agus Na Gathan - Tim Armstrong - a' tighinn a bhruidhinn air 'Ionnsachadh Cànain mar Ghnìomh Sòisealta: Luchd-ionnsachaidh Inbheach agus Ath-bheothachadh na Gàidhlig'.
As dèidh bhliadhnaichean a' cluich ann an comhlan-ciùil beòthail a thug ceòl ùr sa Ghàidhlig do dh'oigridh air feadh na h-Eòrpa, tha mi làn chinnteach nach bi e a' moladh na leanas:
- tuilleadh òrain shean-fhàsanta ghruamach air am sparradh air ar cloinne leis a' Chomann Ghaidhealaich
- 'Taghadh bho na Trads' air BBC Alba o mhoch gu dubh
- cur às buileach do na cùrsaichean Ulpan is coisearan Gàidhlig a steidheachadh nan àite
- òrain spioradail bho Mhary Ann Kennedy gach madainn an àite Prògran Choinnich
- eadar-theangachadh bhon a' Chomann Ghaidhealaich air gach ainm-àite Gàidhlig a th'air na mapaichean Ordnance Survey air eagal's gun cuir iad dragh air luchd na Beurla
Sìos le cultar sgìtheil! Rocamaid gu cruaidh!
Tuilleadh fios an-seo.
Ceòl an-seo.
No comments:
Post a Comment