Chan ann tric a thig gràisg de cheoladairean dhan àrainn agad a tha... inntinneach, beachdail, garbh is ceolmhor. Chan ann tric a b'urrainn dhut gach buadhair sin a chleachdadh airson gach aon de na cleasaichean. Chan ann tric a tha a' mhor-chuid dhiubh 'Ceilteach'... gu ire.
Chaidh agam air teicheadh bhon a' phriosan agam dhan a' Bhanshee Labyrinth Dihaoine sa-chaidh agus abair thusa toll dubh de taigh-chluiche. Aite beag grot dhà-riribh is tha mi air fear no dhà fhaicin ri mo bheo.
Be cuirm na h-oidhche seo Brian Curran, Breagha Cuinn, Mark Ayling, Norman Silver and the Gold agus Efa Supertramp.
Bha Curran agus Ayling math gu leor - fonn math neo dhà ged a bha Ayling rudeigin dubhach dhomhsa. Bha Breagha Cuinn air leth math - og, lasrach is bragail. Loma-làn attitude. Gu mi-fhortanach, cha robh guth Gàidhlig aice a dh'aindeoin a h-ainm.
![]() |
Norman Silver and the Gold |
Be Efa Supertramp a b'inntinniche dhomhsa co-dhiù agus do chàch. Og agus dealrach, se punc 'acoustic' a thathar ag ràdh air a ceol. Tha na h-orain aice poilitgeach, làn spionnaidh agus air an deagh chruthachadh - chan e direach giotar simplidh a tha seo le seinn thairis air. Bha measgachadh aice de dh'orain aice ann an Cuimris agus Beurla. Sann a Cardiff a tha i agus ged nach fhios'am an deach a togail le Cuimris mar a' phriomh-chainnt, tha e soilleir gur i a' Chuimris an cànan laitheil aice. A bharrachd air sin, si a sgriobhas a h-orain fhèin! Smaoinich!
![]() |
Efa Supertramp |
A-rithist, 's mor am beud nach eil luchd-ealain mar seo againn sa Ghàidhlig. Chan urrainn dhomh smaoineachadh air torr cheoladairean a ni rudeigin mar seo - Dol Eoin? Oi Polloi? Manran air oran no dhà? Tha e gu math truagh nach bi daoine mar Capercaillie, Julie Fowlis agus an iomadh seinnedair eile a' sgriobhadh orain ùra sa chànan.
Ach, sin e bho bhun gu bàrr, se dith misneachd agus dith cleachdadh a chuireas a' Ghàidhlig sa chiste.
*Duilich, ach cha do dh'obraich na sràcan uile! GOC mor, ugh beag?