21/04/2007

Sùil air cuid air taobh an Aonaidh


Tha inneal nam breug aig Labor a’ cur thairis an ceartair is na Nàiseantaich fhathast air thoiseach air càch san iomairt airson Pàrlamaid na h-Alba. A bharrachd air Iorag, airgead airson urraman is cosgais de £20 billean no barrachd air urchairean Thrident, bhiodh e ceart is iomchaidh an-seo cumail nar cuimhne an làimhseachadh nàr de fhogarraich.

S iomadh sgeul a tha sinn air leughadh mu poileas a’ briseadh dorsan ann an ‘ruaigean a’ chamhanaich’ (no na h-infamous dawn raideachan mar chanadh Uibheastach an Glaschu!). Se toradh nan tachartasan tàmailteach a tha seo ach clann òga air an spìonadh às an leapanan is air an cur ann am prìosanan gus an tig an t-àm airson faighinn cuidhteas iad gu tùr.

Aig àmannan, se seo clann is deugairean a th’air a bhith an Alba fad bliadhnaichean aig nach eil ach mir eòlais air tìr am breith. Tha iad air toirt air bruid às na sgoiltean aca agus air an dealachadh bho charaidean.


A dh’aindeoin seo, thathar a’ cur às leth daoine – a’ gabhail a-steach an SNP, Na h-Uainich, SSP, Solidartiy agus daoine eile - a mhiannaicheas neo-eisimileachd dha Alba gur e ‘gràin’ fath an iomairt!
Co-dhiù, nach beag an t-ìongnadh gum faic sinn ionnsaighean sgreataidh air coigrich ann an Alba le leth-chiallaich a tha air am brosnachadh le dol a-mach nan Laboraich, nan Toraidhean is nan caraidean sna meadhanan.

Thàinig an dealbh gu h-àrd à leabhar ùr - Anti Fascist - a th’air nochdadh a dh’innseas sgeul an t-sabaid an aghaidh luchd gràin-cinnidh sna 70an is 80an. Se daoine mar seo (abair master race!), am BNP a tha a-nisd a’ taladh bhotaichean bho Labor ann an cuid a sgiìrean ann an Sasann. Cò a dh'iarradh a bhith na phàirt den chomann seo?
Airson fios air an leabhar, theirig gu....
http://www.myspace.com/martin_lux_antifascist

15/04/2007

MacConnail a’ sireadh taigh ùr?

Chunnacas am bodach seo a’ taisbeanadh a bheachd mu choinneamh a’ chaismeachd mu dheireadh aig Independence 1st (is a’ Ghàidhlig àiteigin as a dèidh?) bho chionn ghoirid. A-rèir nan cunntas-beachd an-dràsta, tha a h-uile coltas ann gun breab muinntir na h-Alba seachd dathan a’ chàc à tòn MhicChonnail air 3mh Ceitein. Taigh ur dha? Taigh na croich' air!

Tha an iomairt aig Làbor air a bhith gu math truagh agus tha seo air cur ris an sgìos a th’againn mu chogadh Ioraig, làimheachas-làidir an-aghaidh fogarraich, ruith sìos an NHS, sgoiltean ar dùthcha fo bhuaidh calpachais phrìobhaideach agus m.s.a.a.

Gu mi-fhortanach, cha bhi ann an-seo ach a’ chiad cheum ann an dealachadh bho Shasann agus tha fhios gun sgaoil luchd an Aonaidh an tuilleadh eagail sna seachdainneann tha romhainn. As bith ur beachdan air na pàrtaidhean, se ar dleastanas SNP, Uaine, Solidarity no SSP a thaghadh.

21/03/2007

Dealbhan Rapach Eile bho Roc na Gàidhlig





Tàing mhòr do Frau Hilgen airson nan tuilleadh dealbh a tha seo bhon a’ chiad oidhche de Ròc na Gàidhlig ann an Dùn Eideann an là roimhe. Chìthear an-seo Raonaid agus Gill’ òg an t-Sagairt à LL agus na meabanan àbhaisteach à Polloi – air an àrd-urlar is às!


Son tuilleadh fiosrachaidh air na comhlain chunnartach seo, cliog an-seo...
www.laluain.bebo.com
www.myspace.com/oipolloialba

20/03/2007

Roc na Gàidhlig - breabadh is beothail an Dùn Eideann


Thòisich Oi Polloi is Là Luain air turas ‘Roc na Gàidhlig’ air Didomhnaich ann an Seana Bhaile na Smuid, prìomh bhaile ar dùthcha. Ann an àite teann, ach iomchaidh, ris an canar Henry’s Cellar Bar, chuir Là Luain air dòigh caibideal ùr ann an ceòl ùr na Gàidhlig. Tha iadsan a’ cumail orra far na sgùir Mill a h-Uile Rud agus gu dearbh fhèin nach robh sinn eòlach air cuid de na h-òrain a chaidh cluich? Nach math siud ge-tà, bha iad beòthail is fonnmhor is Gaidhealach gu cul san nòs ùr.


Bha Oi Polloi air ghleus. Fìor dheagh mheasgachadh de òrain, tòrr anns a’ Bheurla bho na bliadhnaichean a chaidh seachad – an e siud 25 bliadhna a-nis? – ach an fheadhainn as ùire agus as ùidheile sa chànan againn fhìn. Mar bu dual is bu nòs, bha fèill mhòr air ‘Ramalair Ruisgte’ is mar shamhla air brìgh an òrain, chuir aon fhireanach dheth a chuid aodach. Plòigh gu leòr. Ach saoilidh mi gur e ‘Ar Cànan, Ar Ceòl’ fonn ùr aiseirigh na Gàidhlig – fonn cho math sa th’ann is faclan brosnachail, onaireach na chois. Is 'Union Jack - Thall is Cac' na shamhla air an Alba ùr tha gu bhith romhain as dèidh taghadh nàiseanta na Ceitein. Tha sinn beò an dòchas!




Gu mi-fhortanach, cha do chluich ‘Gra Granna’ an-seo ach ‘s ìonantach mur a nochdas iad a dh’aitgheàrr air a’ chuairt seo. Cuairt nam bàrd beò, siud a th’ann!

02/03/2007

Droch Iseanan Ceòl Ur na Gàidhlig


Teachdaireachd bho Dhroch Iseanan Ceòl Ur na Gàidhlig mar a fhuaireadh e...

Ròc na Gàidhlig - Rac na Gaeilge 2007
Crathadh Tìr nan Gaidheal

Tha ceòl nuadh na Gàidhlig beò agus breabadh agus deiseil gus crathadh a thoirt do Thìr nan Gaidheil bho cheann gu ceann. Aig deireadh a’ Mhàirt, gabhaidh trì còmhlanan-ciùil nuadh turas eachdraidheil tro Alba agus Èirinn, a’ chiad turas a-riamh de cheòl roc agus teacno uile gu lèir ann an Gàidhlig.

“Tha mi a’ dèanamh fiughair mhòr ris an turas seo,” thuirt Raonaid Alcorn, drumair ann an Là Luain, fear dhe na còmhlan roc air an turas, “ach tha beagan eagal orm, ag innse na fìrinne. Tha e a’ dol a bhith craicte!” Tha Raonaid à Èirinn o thùs, ach dh’ionnsaich i Gàidhlig ann an Alba agus tha i a’ fuireach anns an Eilean Sgitheanach a-nis far a bheil Là Luain stèidhichte.

Tha na ceanglaichean eadar Alba agus Èirinn pailt air an turas seo. Tha an dithis ann an Grá Gránna, an còmhlan teacno air an turas, roinnte eadar Baile Àtha Cliath agus Dùn Èideann agus ’s ann ann an Gàidhlig na h-Èireann a bhios iad a’ dèanamh an cuid ciùil.

Agus gus beagan cuideim a thoirt dhan bhileig, tha ròcairean cliùiteach, Oi Polloi, air an turas cuideachd. Chuir Oi Polloi clàr làn Ghàidhlig air bhog an-uiridh a choisinn tòrr luchd-èisteachd ùra dhan chòmhlan. Bha iad air an rathad tron Roinn Eòrpa, cha mhòr gun sguir fad bliadhna a-nis, ach b’ e seo a’ chiad turas ceart aca tro Èirinn agus Alba ann an ùine fhada.

Tha an turas a’ gabhail a-steach 13 bailtean uile gu lèir bho Luimneach gu Steòrnabhagh. Tha na còmhlanan gu sònraichte toilichte a bhith a’ cluich anns na h-Eileanan Siar. “Mar a tha fios againn uile, tha na bàtaichean-aiseig daor,” thuirt Ruairidh, an seinneadair ann an Oi Polloi, “agus tha e gu sònraichte doirbh do chòmhlanan fon-talamh mar sinne siubhail gu Steòrnabhagh, ach tha sinn toilichte an cothrom fhaighinn.” Tha an turas air a mhaoineachadh le taic bho Iomairt Colmcille.

18 Màrt 20:00 Dùn Èideann* Henry's Cellar Bar
20 Màrt 20:00 Glaschu* 13th Note
21 Màrt 20:00 Doire Masons Bar
22 Màrt 20:00 Sligeach Coolera House
23 Màrt 20:00 Gaillimh Sally Longs - an asgaidh
24 Màrt 16:00 Corcaigh An Cruiscan Lan - uile-aoiseach
25 Màrt 20:00 Luimneach Undergound, Bakers Place, Tait Square
26 Màrt 20:00 Ros Mhic Thriúin CDP Community Centre - an asgaidh
27 Màrt 20:00 Baile Átha Cliath* The Lower Deck, Bothar Portobello
28 Màrt 20:00 Béal Feirste* Laverys Bunker Bar
29 Màrt 20:00 Obar Dheathain East Neuk Bar
30 Màrt 20:00 Steòrnabhagh Pointers Youth Cafe
31 Màrt 20:00 Port Rìgh TBC
* Cha bhi Grá Gránna aig na cuirmean seo, gu brònach. Ní bheidh Grá Gánna ag na ceolcoirmacha seo, go brónach. Grá Gránna will not be at these gigs, unfortunately.