08/03/2008

'S Trom Uallach an Aineolais


No, ma chanas tu an dòigh eile e.... 's trom an ceann a tha làn chac. Tha sinn gu math cleachdte ri beachdan claon nan aona-chànanach is iad gun sgot air sealladh eile den t-saoghail ach am fear cruaidh Sasannach. Ach, seo e a-nis bho bhall den Phàrtaidh Nàiseanta? Air a’ Ghaidhealtach fhèin! An dòchas gun toir an SNP breab cruaidh dhan bhalgan-chac a tha seo mus sgaoil e barrachd sgudal is amaideas air feadh meadhanan ar dùthcha. Daibhidh Bremner, thig a-nuas.
Tha an creutair seo ag ràdh nach eil coir aig a’ Ghàidhlig a bhith follaiseach ann an Gallaibh. Mar tha, tha e air a chas a chur sa chàc. Chum e a-mach nach robh Gàidhlig a-riamh ga bruidhinn ann! An uairsin... ‘uill, se ‘economic migrants’ a bh’annta sa thàining an-seo sa 19mh linn’!! Cuideachd, tha barrachd ùidh aig muinntir an àite anns na Cruithnich sa Lochlannaich.
Gu dearbh, thug na Cruithnich is na Lochlannaich buaidh mhòr air an àite. Mar sin dheth, dè tha esan a’ dèanamh gus seo a leasachadh? A thaobh nan Gaidheal, am bi e cuideachd a’ cur an-aghaidh an aonaid sgoile Gàidhlig a bhios ann a dh’aithghearr? Dè mu dheidhinn an sgoil àraich a tha air a bhith ann fad 18 bliadhna? Agus am Mòd a thig dhan àite?
Nach cuir sinn uile ar beachdan dhan duine seo. Gheibhear foirm airson beachdan a chur thuige air an duilleag seo:
Duilleag aig David Bremner, buamalair...

1 comment:

Graisg said...

Thug mi sùil air an duilleig a bha sin agus uill tha sealbh aig an duine bochd seo air taigh ris an canar 'An-Cunairt'. A-nis chan eil eolaiche a th'annam ach...