24/09/2014

Bannan no srannan?


Bha fadachd againn air. Mus do nochd e air ar sgàileanan, chaidh inns dhuinn gun robh e mar-tha air siubhail 'thall-thairis' is ùidh aig na Canadaich ann. Cuideachd, chaidh inns dhuinn gur ann mar The Killing a bhiodh e.

Obh.

Ma bha a' chiad phàirt san t-sreath mar shamhail air cuisean se na fo-thiotalan a aon choltas a th'aige ri The Killing. Nordic dubh? Chan eil na.

Leis an fhìrinn innse, chan eil - an ceartair co-dhiù - ann ach iarsmadh (seqeul) do Mhachair a dh'fhàg sinn 20 bliadhna air ais no rudeigin mar sin.

Tha e slaodach. Tha mi gabhail ris gu bheil e slaodach oir sin mar a tha beatha sna h-eileanan. A-rèir choltais. Chan eil mañana aca ann shuas an-siud. Chan eil ann ach daoine shocair a' gabhail tlachd san fhois aca. Chan eil mùrt no feis aca.

Fuck! The filth are oantae us. Hud oan hen!
Cha do thachair càil ach nàdar de char-chase far an do ruith càr poileas rionnag an t-sreath air quad-bike. Am bi tuilleadh ann? Corp ga lorg ri taobh locha? Càirdeas toirmisgte eadar dithis bho eaglaisean eadar-dhealaichte? S mathaid gun tig e ach chan eil fiosam am bi mise air beulaidh an sgàilein gus fhaicinn.

Tha Kathleen NicAonghais sgriosail. An deach inns dhi gur e Ran-Dan a bh'ann? No an robh a h-aire air a' chomadaidh anns a bheil i an-sàs, Gaol@Gael? Tha blas a' chrogain air cus den chleaschd - fiodh mar a chanar sa chànain eile. Tha an sgriopt rudeigin lapach cuideachd. Dè fon ghrèin a bha an seanmhair a' dèanamh? Chunnaic mi tachartasan fada na bu chreideasaiche ann an Grange Hill ri a linn.

Bu toil leam a' bhith ga mholadh. Bu toil leam drama dubh dorcha sa chànan againn. Bu chòir a bhith againn. 

Duilich ach tha Bannan lapach.


1 comment:

Te tha ag iarraidh firinn said...

'Se leirmheas (neo review mar a chanas Gaidheal 'abhaisteach') math, laidir agus eibhinn a th' agad an seo. Agus honorach. B' fhearr leinn gum biodh a h-uile duine cho honorach. Ach, fuirich, de tha siud a tha sinn a' cluinntinn, air faire, bho luchd-taic MG ALBA... moladh, moladh, moladh! Taing airson a bhith honorach.