10/07/2013

Gazpacho blanco



S dòcha gur e lughdachadh an t-saoghail as coireach no nach eil sinn an Alba ro chleachdte ri sìde theth mar a th'againn an ceartair ach cha robh guth aig bodaich no cailleachan a' bhaile air gazpacho blanco. Cha mhotha bha iad eòlach air gazpacho àbhaisteach a tha dèanta le tomatothan.

Nach math gu bheil ar biadh is ar cànan ag atharrachadh - fhad's a tha ri beò.

Co-dhiù, leis an ìre theothachd a' sreap seachad air 30C sa ghàrradh chùl aig Taigh an Donais, shaoileam gum biodh gazpacho blanco ceart is iomchaidh. Se adhbhar eile 's gu bheil sinn air a bhith ag ithe (òl?) gazpacho rojo fad beagan laithean a-nis.

Cha b'urrainn na b'fheàrr. Math agus math dhut. Tha e amh, ùr agus bhon nach eil ann ach glasraich, the e freagarrach dha 'glasraichearan-cruaidh' - siud a' Ghàidhlig air 'bhìogan'.

Tha reasabaidhean air a shon gu math furast' a lorg air loidhne ach seo an tionndadh a rinn mi-fhìn. Abair thusa gun do chòrd e ri Cailleach an Donais is se deagh mholadh a tha siud.

  • 1 chopan almon gun rùsg
  • 2 chopan fhìon-dhearc gheal
  • 2 chlòbha chreamh
  • leth-chulair
  • beagan fìon-geur seiridh/ leann-ubhail
  • ola-chruinn-ola
  • craiteachan de lusan mar phearsal agus dìle
  • salainn is pìobair
  • craiteachan pìobar caidhean no tiolaidh
  • copan sùgh ghlasraich (veggie stock)
  • Pronn na h-almoin beagan mus cuir thu a h-uile càil dhan inneal-measgaidh. Sil beagan ola air a mhuin is fàg e sa phreas-fhuar airson uair no dhà.

Eso es todo. ¡Que aproveche!

19/04/2013

Soitheach fànais


Nach e tha math nuair a tha tachartas inntinneach san amharc san sgìre agad. Agus leis an-sin, chan eil mi a' ciallachadh àite air beulaibh bogs' an amadain a' coimhead air tuilleadh ceòl dùthchail air a chluich air beulaibh bodaich is cailleachan a tha nan leth-chadail.

Chan eil càil agam an-aghaidh ceòl na fidhle - tha tòrr dheth beòthail is breabail - ach chan e deagh theilidh a th'ann. Nach biodh e fada na b'fhearr beò - am measg sluagh mòr teann is gun sgeul air cathair is bòrd?

Co-dhiù, chan ann tric is minic sa tha leabhar ùr gu bhith a' nochdadh a tha an dà chuid sa Ghàidhlig agus mu sgiorradh sna speuran. Oh, agus le ceòl punc na Gàidhlig na chois.

Siud a th'againn ann an Dùn Eideann an ath sheachdainn nuair a bhios Tim Armstrong a' cur air bhog an leabhair saidh-faidh aige le beagan cuideachaidh bho Oi Polloi. Gu h-inntinneach, bidh seo uile a' tachairt sa chiad dol a-mach ann am bùth chlàr air Staran Lìte/ Leith Walk is an uair sin air bòrd bàta shìos aig Cladach Port Lìte.

Tuilleadh fiosrachaidh:
 http://drilseach.net/2013/04/17/rocadh-air-a-bhata-ann-an-dun-eideann/

http://www.oipolloi.org/

http://ur-sgeul.tumblr.com/


24/02/2013

Oraidean Shoillse air ais.


Chì mi gu bheil sreath de dh'òraidean a' toiseachadh as ùr aig Oilthigh Dhùn Eideann an t-seachdainn-sa leis an t-seann sheinneadair bho Mhill a h-Uile Rud agus Na Gathan - Tim Armstrong - a' tighinn a bhruidhinn air 'Ionnsachadh Cànain mar Ghnìomh Sòisealta: Luchd-ionnsachaidh Inbheach agus Ath-bheothachadh na Gàidhlig'.

As dèidh bhliadhnaichean a' cluich ann an comhlan-ciùil beòthail a thug ceòl ùr sa Ghàidhlig do dh'oigridh air feadh na h-Eòrpa, tha mi làn chinnteach nach bi e a' moladh na leanas:
  • tuilleadh òrain shean-fhàsanta ghruamach air am sparradh air ar cloinne leis a' Chomann Ghaidhealaich
  • 'Taghadh bho na Trads' air BBC Alba o mhoch gu dubh
  • cur às buileach do na cùrsaichean Ulpan is coisearan Gàidhlig a steidheachadh nan àite
  • òrain spioradail bho Mhary Ann Kennedy gach madainn an àite Prògran Choinnich
  • eadar-theangachadh bhon a' Chomann Ghaidhealaich air gach ainm-àite Gàidhlig a th'air na mapaichean Ordnance Survey air eagal's gun cuir iad dragh air luchd na Beurla
Fealla-dhà dhan darna taobh airson diog ge-tà, nach mòr am beud nach eil tuilleadh againn mar Na Gathan is fèis Roc na Gàidhlig?

Sìos le cultar sgìtheil! Rocamaid gu cruaidh!

Tuilleadh fios an-seo.
Ceòl an-seo.

10/10/2012

Am Mòd... ar cacan is ar ceò


Tha an t-àm sin den bhliadhna againn a-rithist. Thig na mìltean cruinn comhla am baile air choireigin - se Dùn Omhain a' bhliadhna-sa - gus 'cultar na Gàidhlig' a chomarrachadh. Air 'iomall a' Mhòid' gheibhear gu leòr ach a' mhòr-chuid tro mheadhan na Beurla - eadar ceilidhean, giogaichean is òl. Am broinn a' Mhòid fhèin, gheibhear clann is inbhich nan seasamh cho dìreach ri saighead, ag aithris faclan a sgrìobh cuideigin marbh bho chionn iomadh bliadhna.

Se an fhìrinn 's gun do sheas An Comann Gaidhealach, mar saighead, fhad's a bhàsaich a' Ghàidhlig mun cuairt air. Bhon a thòisich Am Mòd Nàiseanta - oh, tha e rìoghail a-nis... - chaidh a' Ghàidhlig à bith gu tùr ann an àiteachan mar Shiorrachd Shruighlea, Shiorrachd Pheàirt, Eilean Arainn, Ceann Tìre, Strath Spè, taobh Loch Nis, taobh Loch Laomainn, Gallaibh agus Siorrachd Obar Dheathainn. A bharrachd air sin, tha i air crìonadh gu dubh ann an àiteachan mar Loch Abar, Cataibh, Loch Aillse agus eileanan mar Giogha, Ile, Diùra, Colabhsa, Lios Mòr is Eige.

Bho chionn aon dusan bliadhna, thachair dhomh a bhith ann an Ceann Loch Rainich. Ann an uinneag na bùtha bha aon shanas. Sanas bàis ann an seadh a dh'innis do mhuinntir an àite, anns a' Bheurla gun robh am meur den Chomann Ghaidhealach an-sin a-nis dùinte. Saoil an robh diù aig duine?

Chan e 's gun robh an Comann agus am Mòd gu tùr gun fheum. Se 's nach do rinn càil a bharrachd air siud. Cha do steidhich iad sgoiltean Gàidhlig sna sgìrean a bha siud is gu dearbh cha do bhrosnaich iad iarrtas air an son. Cha do rinn iad strì airson coireachan na Gàidhlig. Cha deach iad an-sàs ann an iomairt mar a rinn Cymdeithas yr Iaith Gymraeg anns a' Chuimrigh. Cha do pheant iad a-mach na sanasan Beurla a spàrr cànan coimheach air na Gaidheil.

Ach gu dearbha fhèin, rinn iad cinnteach gun do sheas an iomadh mìle de Ghaidheil òga gu dìreach stolda air an àrd ùrlar.

Tha An Comann san là an-diugh a' dèanamh oidhirp. Ach se ro bheag a th'ann agus fada ro fhadalach. S mathaid gu bheil Gàidhlig druim a' bhaile aca ach tha fhathast blas a' chnogain oirre. Agus bidh, fhad's a chleachdas iad a' Ghàidhlig mar sgeadachadh is chan e mar chànan cheart.

16/07/2012

Iomairt na Saorsa - Cà bheil a' Ghàidhlig?


Mar a thuirt Dwelly, "se obair là toiseachadh...ach se obair bheatha crìochnachadh". Ann an saoghal pholataigs canar gur e ùine fhada a th'ann an seachdainn. Co-dhiù no co-dheth, tha mi a' saoilsinn gun robh ùine gu leòr aig an iomairt 'Yes' rudeigin a dhèanamh sa Ghàidhlig. Tha fhios gu bheil cuid a dhaoine air sgrìobhadh thuca faighneachd an dèan iad an dearbh rud sin.

Ach, freagairt... cha d'fhuaireadh. Cha chuala mise guth bhuapa co-dhiù.

Gu sìmplidh, se a' cheist a bhios fainear do shluagh na h-Alba:

A bheil thu ag aontachadh gu bu choir Alba a bhith neo-eisimeil?

Beachd eile aig Silicon Glen
Ma tha, se am freagairt iomchaidh 'Tha'. Mar sin dheth, se am facal 'Tha' a bu choir a bhith air sanasachd an iomairt. Chan e iomairt as leth na Gàidhlig a tha seo. Se a th'ann ach iarrtas airson na Gàidhlig a bhith air a cur gu feum mar cànan sam bith eile.

Chì sinn seo sa Chuimrigh - is ainm Cuimris air a' phrìomh phàrtaidh Chuimreach aca. Cuideachd ann an Eirinn far a bheil a' Ghàidlig acasan ga cur gu feum gu cunbhalach. Agus, tha e coltach gu bheil Basgais ann an Euskadi a' dol na cànan laitheil aig a' mhòr-chuid ann an ùine nach bi fada. Ciamar? Tro chleachdadh agus iomairt.

Mar sin, nach cuir sinn ar smaointean dhaibhsan a tha an sàs san Iomairt 'Tha'. Seo cuid dhiubh:


http://www.yesscotland.net/contact


info@yesscotland.net

Yes Scotland
1 St. Colme Street
Edinburgh
EH3 6AA

Cuideachd, tha...

Alasdair Allan BPA:  scottish.ministers@scotland.gsi.gov.uk

agus

Pàdraig Harvie BPA: patrick.harvie.msp@scottish.parliament.uk

Cuir corrag ri meur-chlàr! Saor Alba.

Dealbh-tiotail bhon a' Bhuidheann Duibh.