29/07/2008

Eilean Chathair Amain - Eilean nam Punc


Uill, cha Hebridean Celtic Festival e ach bidh e tachairt ann an eilean co-dhiù. De th’ann ach ‘Eilean Phunc 2008’. Tha e gabhail àite a’ bhliadhna-sa air Eilean Chathair Amain, no Cramond Island sa chànan eile air Disathairne 16mh Lùnastal.

Gu h-ìongatach, bidh Niall Iain bho BBC Alba an-lathair gus rudeigin a dhèanamh airson a’ phrògram ciùil Rapal. Cia mheud punc no Gaidheal aig a bheil meas air tachartasan annasach a bhios ann? Se tìde a dh’innseas. Cò tha cluich? Uill gu ruige seo cha chreid mi nach bi ann ach Oi Polloi aig a bheil a’ Ghàidhlig. Ach, tha comhlan ‘meatailt’ air a bheil Ablach gu bhith ann cuideachd. Ainm math co-dhiù! Coltach nach bi Cliar ann ge-tà. Nach truagh sin.

Bu mhath leamsa Na Gathan fhaicinn. Mar sin dheth, dèan iarrtas air an son! Mura h-eil iad ro mhòr airson tachartan mar seo a-nis...

Làrach Eilean Phuinc


No comments: