31/10/2013

Telebhisean 'son Oidhche Shamhna


Chan eil càil na b'fheàrr mar ullachadh airson Oidhche Shamhna. Deich mionaidean air beulaibh aon de na dealbhan-beò bho Bhocan TV agus tha an dà chuid inbhich is clann deiseil airson nan sràidean. Samhnagan air an lasadh, pocannan dòchasach is drama no dhà san t-searrag.

Cha b'urrainn dhomh 'embed' a lorg dhi, ach shaoileam gum b'fhiach e an sàr obair aig West Highland Animation no Bocan TV a thaisbeanadh an-seo. Tarraingeach do chloinn, is tòrr dheth dèanta le cloinn, tha e cuideachd air leth feumail do luchd-ionnsachaidh. Dòigh eile gus ar cànan àbhaisteachadh.

Suidh air ais is coimhead... Samhain shona dhuibh.

Each Uisge Loch Nis



23/09/2013

Gàidhlig am follais air na sràidean


Chan e rocket science a th'ann ach mar as motha a tha ar cànan am follais sann as motha a thèid a cleachdadh. Agus, ma tha Gàidhlig agad agus tha thu a' dol gu caismeachd no eile, carson nach cleachdadh tu i?


Tha cuideigin bho YesAlba air sanasan 'Bu Chòir' a dhèanamh - gleansach is tarraingeach agus... sìmplidh. Bha làn thìde ac' air. Ach, bha an co-ionnanachd siud a dhith air YesScotland airson greis mhath.


A-nis, tha craiteachan de chothromachd againn. Suas ma-tha agus air adhart.


Bha brataichean eile ann cuideachd ann an seann chainnt ar dùthcha - cuid air an cruthachadh le pàipear is peann.


Mar iomairt na h-Alba fhèin, se ar dleastanas a bhith bragail is breabach, dana is dìcheallach.


Ruigidh each mall...

(Na dealbhan an-seo bho thùsan eadar-dhealaichte)




16/09/2013

Oigridh air na sràidean...


...is tòrr a bharrachd, eadar cnapach is cailleach. Se caismeachd na bliadhnasa airson neo-eisimealachd na h-Alba Disathairne sa tighinn. Bha còrr is 10000 ann an-uiridh - nach dèan sinn cinnteach gu bheil an tè seo nas motha?

Gheibhear an tuilleadh fiosrachaidh an-seo, ged sann sa chànain eile a tha e: http://independencerally.com/main/

Agus, fhad's a tha mi a-mach air cànan, tha mi air leth toilichte gu bheil cuid ann Yes Scotland air mothachadh mu dheireadh thall gu bheil seann chànan na h-Alba fhathast air bilean nam mìltean.

Gheibhear YesAlba an-seo. An dòchas gum faic sinn ar cànan am follais Disathairne. Bithibh ann.


18/08/2013

The Engine Shed



Gura fada beò an t-àite seo. Se an t-Engine Shed taigh-fuine agus cafaidh glasraichear (siud a th'againn air vegetarian a-rèir an Stòr-Dàta) suidhichte ann an sgìre Naomh Leonard ann an Dùn Eideann. A bharrachd air sin ge-tà, se pròiseact a th'ann a bheir fastadh do dhaoine aig a bheil ciorram ionnsachaidh.

Tha roghainn farsaing de bhiadh slàn fallain anns nach eil feòil agus tòrr anns nach eil bathar-bainne nas mo. Tha e saor agus gheibhear seirbhis chàirdeil bho luchd-obrach an àite.

Bheir àiteachan mar seo seirbhis mhath dhan mhòr-shluagh ach nas cudromaiche, cuiridh iad rudeigin luachmhor a-steach dhan choimhearsnachd. Gu mi-fhòrtanach, tha iad fo chunnart bho Chomhairle Dhùn Eideann a tha ag iarraidh airgead a chaomhnadh tro ghearraidhean. An-uiridh, chuir a' Chomhairle roimhe an taic-airgid a bheir iad don Engine Shed a gheàrradh. As dèidh iomairt, ghèeill iad. Fhuair iad faochadh a' bhliadhna-sa ach 's mathaid nach bi iad cho fòrtanach sa ath bhliadhna.

Feuch gun tadhail thu air an Engine Shed agus gun cuir thu do ghuth dhan iomairt gus a shàbhalachadh as leth a' choimhearsnachd.

Tuilleadh fios an-seo.

City of Edinburgh Council: Stop the Closure of the Engine Shed

08/08/2013

Gàidhlig aig na Fèisean is aig amadain Think Scotland



Tha Dùn Eideann na bhoil an-dràsta is iomadh fèis air dòigh. Ged a tha e coltach gu bheil blasan Sasannach nan mòr-chuid am measg beòil na sràide, tha am brochan de chànanan a tha rin cluinntinn na thoileachas dhan chluas.

Air Disathairne 10mh Lùnastal,bidh seo ri lorg aig Fèis nan Leabhraichean cuideachd is measgachadh de dh'aoigh fo sgèith Ur-Sgeul a' leughadh bhon obair aca. Tha Mìcheal Klevenhaus as a' Ghearmailt air an obair aige a thaisbeanadh ann an Gàidhlig is cànan a dhùthcha-sa cuideachd. Tha Màiri E NicLeòid ann. Tha sgeul aice-se ann 'An Claigeann aig Damien Hirst' ged 's cinnteach gu bheil an tuilleadh aice sa bheart. Tha Aonghas Pàdraig Caimbeul gu bhith ann agus 's ìongatach mur a bhios esan a' leughadh bho 'Smuain na Maidne'.


Gu h-inntinneach, tha sealladh ann bho neach-ionnsachaidh air Iomall an Fhèis. Seo Bruce Fummey - Gaelic in the Afternoon is bidh tuilleadh mu Gàidhlig nan Gearmailteach aige! Na fhaclan fhèin:

For the last 18 months Bruce has been learning Gaelic. What's the point? Trips to Skye, listening to Gaelic radio, trying stand-up in Gaelic and lots of Germans. You read that right! If you want to hear the funny side of his story: where he went, who he met and the things that make your head want to explode and learn some Gaelic phrases from a half-lowland half-African comedian brought up by a Yorkshire granny, then this is for you!

Gu mi-fhòrtanach, tha cànan na h-Alba air a bhith sna cinn-naideachd airson nan adhbharan ceàrr cuideachd a' mhìos-sa. Tha e coltach gu bheil cuid ann an Luchd an Aonaidh airson eagal a chur air muinntir na h-Alba ro thighinn na Gàidhlig do na sgoiltean aca. Thog amadan no dithis an aithris a dh'fhoillsich FoghlamAlba anns an robh brosnachadh airson dà-chànanachais sna sgoiltean aca. Mar bu choir, thuirt iad gum bu choir sgoiltean suim a ghabhail dhan a' Ghàidhlig agus ma tha iarrtas ann, a libhreagadh dhan a' chloinn. Ach, mar bu dual, be propaganda diofraicte a nochd san Albannach agus air làrach-lìn aig buidheann Tòraidheach 'Think Scotland' - air a sgrìobhadh le riochdaire foghlaim (!!!) nan Tòraidhean. 'S beag an t-ìongnadh gur e an 'Daily Liar' a bh'aig na Gaidheil air an Albannach ri linn nam fuadaichean.

ON THE DAY that the Scottish Government announced that it wants all primary school children to learn Gaelic, I got a call from a distinguished, and well-known Gael, who could not believe what he was hearing. He told me, bluntly, that he thought the Scottish government had taken leave of its senses.
If that is the reaction from one of the most passionate supporters of all things Gaelic, then you can imagine what the reception has been elsewhere, and quite right too.

Gabhaidh am pìos sgriosail aca a leughadh an-seo.

As dèidh siud a leughadh, feumaidh mise dèanamh air tachartas Gaidhealach eile - siud an Whisky Fringe - airson tè bheag no deich.