Chaidh leigeil fhaicinn an-diugh fhèin gun nochd an neach-polataigs ‘Chemical’ Alasdair Moireasdan ann an cuirt uaireigin an ath bhliadhna. Thathar a’ saoilsinn gun nochd e ann an ‘cuirt nan daoine’ ann an Cèitean 2007 san aon là a thèid an dùthaich dha na bothanan bhotaidh ann an Taghadh Nàiseanta Pàrlamaid na h-Alba.
“Cho olc ri clachan an t-sagairt”
Thèid a chur as leth Alaidh ‘s gun do thug e ionnsaigh air muinntir nan Eilean Siar le gas – aithnichte aig an U.N. mar ‘Suainmhòr’ – le bhith a’ siubhal mun cuairt is fosgladh a bheòil. Thuirt aon neach-fianias à Baile nan Cailleach, “Bha e dìreach sgriosail, aon mhionaid siud sinn a-muigh sa chroit a’ buain an fheòir agus an ath mhionaid sann a thòisich mo chuideachd a’ tuiteam air feadh an àite” Lean i oirre, “An uairsin chunnaic mi an trusdar bu choireach, thàinig luaran orm is dhiobhair mi air. Chunnaic mi na shùilean marbh gur e duine gun trocair a bh’ann, mar a chanas sin an-seo, ‘Cho olc ri clachan an t-sagairt”.
“A’ tuiteam mar chuileagan”
Thachair an dearbh rud air feadh nan eilean le Moireasdan a’ teàrnadh air bailtean is le aon mhèaran de chraos a’ cur an cadal air a’ bhaile gu lèir. Thuirt aon bhodach às a’ Bhac, “tha an troc chreutair siud air a bhith an-seo fad bhliadhnaichean gun càil sam bith a dhèanamh ach spàrradh oirnn beachdan a’ phàrtaidh aige”. Chan eil fhios cinnteach cò an ceannard aige. Tha Moireasdan fhèin a’ cumail a-mach gur ann à ‘Mac a’ Bhlàir’ ann an Lunnainn a gheibh e a chuid òrdaighean ach canaidh daoine eile gur e ‘Am Preasach’ a chumas rian air Alaidh. A-rèir mòran, se ‘Am Preasach’ leth-chiallach à Tecsas a dh’fhàs air leth beàrtach air prothaidean bhon iomairt an ola agus malairt armachd san Ear-Mheadhanach. Chan eil ceann-là cinnteach againn fhathast airson a’ chuirt ach thuirt Colonial Governor MacChonail gur dòcha gur ann sa Cheitean sa bhios e.

1 comment:
Bha e làn leisgeulan mar as trice, fad `s a bu lèir dhomhs` e. `S math gu bheil lasadh ùr ann an Tìr nam Blog.
Post a Comment